Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò ris a tha e coltach a bhith a' seòladh tro sgìrean anns a bheil aimhreit a' dol? What is it like for shipping crews to sail through conflict zones?

An t-seachdain a chaidh, chuala sinn mu eachdraidh Caisteal Àird Rois air a’ Ghàidhealtachd, far a bheil an t-sreath telebhisean, The Traitors stèidhichte. An-diugh, tha Pàdraig MacAmhlaigh a' toirt sùil air eachdraidh inntinneach Ealasaid Perrins bhon teaghlach a cheannaich a' chaisteal aig aon àm, teaghlach aig an robh a' chompanaidh sàbhs ainmeil Lea & Perrins agus oighreachd Ghearradh na h-Aibhne ann an Leòdhas.

Tha am film Poor Things ri fhaicinn sna taighean-deilbh an-dràsta 's air deagh leirmheasan fhaighinn. Ach cha deàn thu deagh fhilm gun deagh sgeulachd, 's an-diugh, tha an ealanaiche Iseabail Mhoireach a' toirt sùil air beatha agus obair an ùghdair Albannaich, Alasdair Gray. B' ann à Glaschu a bha Alasdair Gray agus chaochail e bho chionn ceithir bliadhna, aig aois 85. Choisinn e fìor chliù na bheatha mar sgrìobhaiche agus mar ealanaiche.

Tha Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a' toirt sùil air na filmichean a bhios a' nochdadh sna taighean-deilbh tro 2024.

57 minutes

Last on

Thu 18 Jan 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 18 Jan 2024 09:00
  • Thu 18 Jan 2024 22:25