Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais

Còmhla ris an Urr Dòmhnall Micheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh an salm, na laoidhean agus na leughaidhean a leanas :

Salm 62: 6-7 air fonn St Mary’s agus ‘s e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglais Leòdhais agus na Hearadh.

A’ seinn, Seo an Gaol, tha Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh.

Tha Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil a’ seinn, Togaibh fonn air Iosa Crìosda.

Agus tha Dolaidh Moireach a’ seinn an laoidh, An Cruthachadh Naomh.

Leughaidhean: Ionah 3: 1-12
Corintianaich 7: 29-31
Marcus 1: 14-20

Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghàidhlig na h-Eaglaise.

Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntàta, càl agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".

Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-làithean.

Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich na pìoba agus a' coimhead Laurel and Hardy.

30 minutes

Last on

Sun 21 Jan 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 21 Jan 2024 09:00
  • Sun 21 Jan 2024 15:00