Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill.
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Dè mar a chòrdadh e ribh siubhal faisg air trì cheud mìle ann a Mini beag còig bliadhn’ thar fhichead a dh’aois? Uill, sin a rinn Iain Mac a’ Ghobhainn bho chionn ghoirid, nuair a chaidh e eadar Glaschu agus Llandudno anns a’ Chuimrigh, far an robh na ceudan chà raichean Mini eile a' feitheamh air! Dh'innis e do Chathy mu thuras.
B' i Dolina Ross, cèiliche na seachdain. Buinidh Dolina do Bharabhas ann a Leòdhas ach tha i a' tà mh ann an Inbhir Nis. Tha i na sà r-eòlaiche ann an karate 's dh'innis i mar a thà inig i chun a sin, mu bhith teagasg òigridh 's a' frithealadh farpaisean nà iseanta 's eadar-nà iseanta. Dh'innis i cuideachd mu bhalach òg a tha i a' teagasg, 's a tha gu math faisg air a cridhe.
Thug John Neil Dòmhnallach beachd air a' film, The Holdovers, a tha ri ùr fhaicinn anns na taighean-deilbh. Tha an cleasaiche Paul Giamatti air a bhith faighinn moladh mòr mar a' charactar, Paul Hunham - tidsear sgoile a th' air fhà gail a' coimhead às dèidh balaich nach fhaigh dhachaigh, thairis air a Nollaig. "It's an A+", thuirt aon phà ipear-naidheachd mun fhilm, ach dè a shaoil John Neil dheth?
Dè na h-òrain Albannach as fheà rr leibh? Air Là Burns, dh'faighnich sinn do dh'aoighean dè an fheadhainn a b' fheà rr leotha fhèin agus carson.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 28 Jan 2024 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal