le Maureen NicLeòid
Mar a tha à ireamh ròcais dearg-chasach air a dhol sìos gu mòr. How the red-billed chough is under threat.
Tha taisbeanadh de dheilbh co-fharpais Dealbhadair Fiadh-bheatha na Bliadhna ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Nà iseanta na h-Alba. Tha an taigh-tasgaidh air iasad fhaighinn de chuid de na 50,000 dealbh bho 95 diofar dhùthchannan a thathar a' taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nà dar ann a Lunnainn. Fhuair Ramsay MacMhathain cothrom sùil a thoirt air a' chruinneachadh.
A reir coltais tha muinntir Bhreatainn a’ ceannach a' chuis-uamhais uidheaman tron bhliadhna, eadar fònaichean là imhagus eile. Agus cò againn aig nach eil uidheaman san dachaigh nach eil sinn a' cleachdadh? Feadhainn a fhuair sinn mar phreasantan aig à m na Nollaige no airson ceann bliadhna, uidheaman airson a' chidsin, innealan airson a' chà r no airson cleachdadh san t-seada, 's nach deach a chur an sàs a-riamh. Ach, cia mheud de na h-innealan sin a tha dha-rìribh feumail? Gheibh sinn beachd bho thriùir aig a bheil an t-uabhas.
Cluinnidh sin bho Oifigear Comann Rìoghail Dion nan Eunlaith, Shona MacGillFhialain, mar a tha à ireamh an ròcais dearg-chasach air a dhol sìos gu mòr thar nam bliadhnaichean.
Tha Aonghas Pà draig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pà ipearean-naidheachd, a' sìreadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain sa ann an eachdraidh.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 6 Feb 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 6 Feb 2024 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal