Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1282
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1282. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 11 Feb 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 978
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1282
Duration: 05:00
Litir 1282: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Alasdair MacCoinnich agus an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend.
Tha a’ chiad chaibideil mu dheidhinn na Cailliche Beura no, mar a sgrìobh e fhèin, ‘Beira, Queen of Winter’. A rèir beul-aithris, bha tobar air Cruachan Bheann ann an Earra-Ghà idheal. Bhiodh a’ Chailleach a’ tarraing uisge bhuaithe gach latha. Aig à m èirigh na grèine, bhiodh i a’ togail leac a bha a’ còmhdachadh an tobair. Gach feasgar, aig à m dhol-fodha na grèine, bhiodh i ga cur thairis air an tobar a-rithist.
Ge-tà , oidhche bha seo, dhìochuimhnich i an leac a chur air ais na h-à ite. Cho luath ʼs a chaidh a’ ghrian fodha, bhrùchd uisge às an tobar. Cha robh stad air. Ruith e leis a’ bhruthach agus lìon e an gleann gu h-ìosal. Chruthaich sin Loch Obha. Thathar ag innse sgeulachd car coltach mu chruthachadh Loch Nis.
Chruthaich a’ Chailleach Bheura beanntan na h-Alba. Lìon i cliabh le clachan agus crèadh. Nuair a bha i a’ leum bho à ite gu à ite, bhiodh an stuth bhon chliabh a’ tuiteam a-mach. ʼS iomadh eilean a chaidh a chruthachadh anns an dòigh sin.
Cha robh i ag obair leatha fhèin. Bha ochdnar shearbhantan aice – cailleachan eile. Agus bha mic aice. Bha iad uile mòr mòr, mar a bha i fhèin. Cha robh na mic dòigheil. Bhiodh iad a’ dìreadh nam beann agus a’ tilgeil chlachan air a chèile. ʼS e sin as coireach gu bheil uiread de chlachan mòra nan laighe air leathadan na Gà idhealtachd.
Chruthaich a’ Chailleach Beinn Uais ann an Ros an Ear. Bha an obair doirbh oir bha a searbhantan trang ann an à ite eile agus bha i ag obair leatha fhèin. Latha a bha seo, bha i sgìth agus thuit i. Thà inig na clachan agus crèadh a-mach à s a’ chliabh aice. Thuit iad ri taobh Beinn Uais. Agus ʼs ann mar sin a chruthaich i Beinn Uais Bheag.Â
Bha òrd sònraichte aig a’ Chaillich. Nuair a bhuail i an talamh leis gu h-aotrom, bhiodh an talamh an uair sin cho cruaidh ris an iarainn. Nuair a bhuail i an talamh gu cruaidh, chruthaich i gleann.
Bha cà irdeas sònraichte eadar i fhèin agus ainmhidhean nam beann. Bhiodh i a’ bleoghann nan èildean agus nan gobhar. Nuair a bhiodh an t-uisge a’ sruthadh far nam beann anns a’ gheamhradh, a’ dèanamh sruthlagan geala, bhiodh na seann daoine ag rà dh gun robh a’ Chailleach Bheura a’ bleoghann nan gobhar. Chan e uisge a bha a’ ruith, ach bainne.
Turas anns a’ bhliadhna, bhiodh a’ Chailleach a’ falbh a Choire Bhreacain faisg air Eilean Sgarba. Bha sin airson a seà la mhòr a ghlanadh. Bhiodh i a’ tilgeil na seà la a-steach don mhuir far an robh an Coire a’ goil. Bhiodh i ga saltradh ann gus an robh i glan.Â
An uair sin, bhiodh i a’ cur na seà la thairis air mullaichean nam beann airson a tiormachadh. Nuair a thogadh i i, bhiodh na mullaichean geal, còmhdaichte le sneachd a’ gheamhraidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich: Donald Alexander Mackenzie; Loch Obha: Loch Awe; Loch Nis: Loch Ness; ochdnar shearbhantan: eight servants; a’ dìreadh: ascending; Beinn Uais: Ben Wyvis; Beinn Uais Bheag: Little Ben Wyvis; ag aithneachadh: recognising; sruthlagan: streamlets; Coire Bhreacain: Corryvreckan; Sgarba: Scarba; a’ goil: boiling; ga saltradh: trampling it underfoot.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: A rèir beul-aithris, bha tobar air Cruachan Bheann ann an Earra-Ghà idheal: according to oral tradition, there was a well on Ben Cruachan in Argyll; aig à m èirigh na grèine, bhiodh i a’ togail leac a bha a’ còmhdachadh an tobair: at sunrise, she would lift a slab that was covering the well; gach feasgar, aig à m dhol-fodha na grèine: every evening, at sunset; ge-tà , oidhche bha seo, dhìochuimhnich i an leac a chur air ais na h-à ite: however, one particular night, she forgot to put the slab back in its place; bhrùchd uisge às an tobar: water poured out of the well; ruith e leis a’ bhruthach agus lìon e an gleann gu h-ìosal: it ran down the slope and filled the glen below; a’ tuiteam gu là r: falling to the ground; ʼs iomadh eilean a chaidh a chruthachadh anns an dòigh sin: many an island was created in that way; cha robh i ag obair leatha fhèin: she wasn’t working on her own; ʼs e sin as coireach gu bheil uiread de chlachan mòra nan laighe air leathadan na Gà idhealtachd: that’s the reason there are so many large stones lying on the [mountain] slopes of the Highlands; bha òrd sònraichte aig a’ Chaillich: the Cailleach had a special hammer; cho cruaidh ris an iarainn: as hard as [the] iron; a’ bleoghann nan èildean agus nan gobhar: milking the hinds and the goats; airson a seà la mhòr a ghlanadh: to clean her great shawl; airson a tiormachadh: to dry it; bhiodh na mullaichean geal, còmhdaichte le sneachd a’ gheamhraidh: the summits would be white, covered with winter snow.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Lìon i cliabh le clachan agus crèadh: she filled a creel with stones and soil. The phrase I have chosen (translating from the author’s English version) literally means ‘stones and clay’ but it is found in traditional Gaelic rhymes, and has a degree of uaim ‘alliteration’ so it sounds better (to my ears, at least) than ‘clachan agus ùir’.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bhiodh a’ Chailleach a’ tarraing uisge bhuaithe gach latha: the Cailleach would be drawing water from it every day.
Broadcast
- Sun 11 Feb 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.