Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Maureen NicLeòid

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Maureen NicLeòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen MacLeod.

Dè cho cudromach 's a tha e a bhith a' gabhail geàrr-chunntas aig coinneamhan? Agus dè cho dèidheil 's a tha daoine air a bhith a' gabhail uallach cunntas mionaideach a chumail de na chaidh a ràdh? Chuala sinn beachd bho thriùir a tha gu math eòlach air a bhith frithealadh choinneamhan.

Bheil suipeir ann coltach ri lasagne air oidhche fhuar, gheamhraidh? Tha dòigh eadar-dhealaichte aig a h-uile duine air a' bhiadh ainmeil Eadailteach seo a dhèanamh. Ciamar a bhios sibhse ga dhèanamh? Tha Cathy ann an còmhradh ri triùir mun tionndadh a bhios iad fhèin a' cur air.

'S i tè de chlann 'IcIlleMhaoil à Gearraidh Bhailteas an Uibhist a Deas, cèiliche na seachdain. Choisinn Màiri NicIlleMhaoil Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Loch Abar ann an 2007. Tha i an-diugh a' tàmh an Glaschu agus i na seinneadear 's na neach-teagaisg.

Tha na paraistean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn ann an Sgìre-easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean a’ cleachdadh an laoidheadair, Seinnibh dhan Tighearna, a chaidh fhoillseachadh ann an 1986. Tha laoidhean gu leòr ann airson àm na Nollaige, ach 's e glè bheag a th' ann airson airson na h-Aidmheint, a' Charghais agus na Càisge. Chuala sinn bho Mhaighstir Ros Crichton mun phròiseact anns a bheil e fhèin gu mòr an sàs far a bheilear ag eadar-theangachadh agus a’ sgrìobhadh laoidhean ùra.

57 minutes

Last on

Sun 3 Mar 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 3 Mar 2024 12:00