Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1286
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1286. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 10 Mar 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 982
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1286
Duration: 05:00
Litir 1286: An Rathad Daingnichte le Lagh
Halò a-rithist, a chà irdean. Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an-diugh. Cà ite air a’ Ghà idhealtachd am faicear soidhne ann an Gà idhlig a-mhà in a tha a’ dearbhadh chòraichean nan Gà idheal rathad a chleachdadh? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘còraichean laghail’.
Mus toir mi am fuasgladh dhuibh, tha mi airson ’s gun tuig sibh dè tha mi a’ ciallachadh le ‘rathad-ciste’. Tha ‘ciste-laighe’ a’ ciallachadh ‘coffin’. Tha rathad-ciste a’ ciallachadh ‘coffin road’. ’S e sin slighe a ghabhadh na daoine eadar am baile aca agus an cladh.Â
Bha mi a’ coiseachd air fear, agus tha sanas ann aig aon cheann dheth. Tha e ag innse dhuinn gur e ‘Rathad na Ciste’ an t-ainm air an rathad. Ainm Gà idhlig. Tha an rathad an ìre mhath cho dìreach ri saighead, a’ dol eadar abhainn agus cladh. No bha, aig aon à m. ’S e an abhainn Uisge Spè, agus ’s e am baile Baile Ùr an t-Slèibh.Â
Anns an t-seann aimsir, nuair a bhiodh daoine ann am bailtean beaga mar Noid agus Rà th Liath a’ bà sachadh, bha an cuirp air an toirt tarsainn Uisge Spè ann an coit. Bhiodh iad an uair sin air an giùlan air Rathad na Ciste gu ruige Cladh Bhrìghde – am fìor sheann chladh ann am Beannchar. Bha Baile Ùr an t-Slèibh air a thogail gu sear air a’ chladh trà th anns an naoidheamh linn deug.
Bha daoine a’ cleachdadh an rathaid gun duilgheadas fad nan ceudan. Tha a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais a’ sealltainn rathad dìreach gu Cladh Bhrìghde. Bha am mapa sin air a rannsachadh ann an ochd ceud deug is seachdad (1870).
Dìreach sia bliadhna an dèidh sin, ge-tà , dh’atharraich cùisean. Bha an rathad a’ dol tro fhearann a bha le uachdaran agus air a ruith mar thuathanas. Agus thog an t-uachdaran agus an tuathanach sabhal dìreach far an robh an rathad, goirid don chladh. Dhùin sin an rathad don chladh agus bha daoine gu math mì-thoilichte. Thug iad a’ chùis gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann. Fhuair iad taic bho neach-lagh ainmeil a bhuineadh do Bhà ideanach – Peter Cattanach.
Anns a’ chùirt chaidh innse don uachdaran gun robh aige ri rathad eile a thogail don chladh. Agus bha aige ri soidhne a chur an-à irde, ag innse do dhaoine – ann an Gà idhlig – gun robh còraichean laghail aca dhol don chladh air an rathad ùr. An-diugh, mu cheud slat gu siar air an t-sabhal, tha sanas a’ sealltainn na slighe ùir don chladh. Agus tha e ann an Gà idhlig. Tha e ag rà dh, ‘An Rathad Daingnichte le Lagh gu Cladh Bhrìghde’.Â
Chaidh mapa ùr sia-òirlich a tharraing ri chèile ann an ochd ceud deug, naochad ’s a naoi (1899). Tha sin a’ sealltainn na dà chuid – an sabhal agus an rathad ùr.Â
’S e freagairt na ceiste a chuir mi aig toiseach na Litreach – Baile Ùr an t-Slèibh. Ged nach eil a’ Ghà idhlig là idir anns a’ choimhearsnachd mar a bha aig deireadh an naoidheamh linn deug, tha aonad Gà idhlig anns an sgoil agus tha corra dhuine aig a bheil an cà nan fhathast.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: còraichean laghail: legal rights; Uisge Spè: The River Spey; Baile Ùr an t-Slèibh: Newtonmore; Noid: Nuide; Rà th Liath: Ralia; Cladh Bhrìghde: Bride’s cemetery; dh’atharraich: changed; Cùirt an t-Seisein: The Court of Session.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cà ite air a’ Ghà idhealtachd am faicear soidhne?: where in the Highlands can a sign be seen?; ann an Gà idhlig a-mhà in: only in Gaelic; a tha a’ dearbhadh chòraichean nan Gà idheal rathad a chleachdadh: that confirms the rights of the Gaels to use a road; slighe a ghabhadh na daoine: a route that the people would take; eadar am baile aca agus an cladh: between their village and the cemetery; cho dìreach ri saighead: as straight as an arrow; bhiodh iad an uair sin air an giùlan: they would then be carried; am fìor sheann chladh ann am Beannchar: the ancient cemetery in Banchor; bha X air a thogail gu sear air a’ chladh trà th anns an naoidheamh linn deug: X was built east of the cemetery early in the 19th century; gun duilgheadas fad nan ceudan: without difficulty over the centuries; a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais: the first Ordnance Survey 6-inch (to the mile) map; thog an t-uachdaran agus an tuathanach sabhal: the landlord and farmer built a steading; dìreach far an robh an rathad, goirid don chladh: precisely where the road was, close to the cemetery; fhuair iad taic bho neach-lagh ainmeil a bhuineadh do Bhà ideanach: they were assisted by a well-known lawyer who belonged to Badenoch; bha aige ri soidhne a chur an-à irde: he had to erect a sign; mu cheud slat gu siar air an t-sabhal (a thathar a’ leasachadh): about a hundred yards west of the steading (which is being developed); Daingnichte le Lagh: confirmed by law; chaidh mapa ùr a tharraing ri chèile: a new map was drawn up.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: tha corra dhuine – sean is òg – aig a bheil an cà nan fhathast: there are still some people – old and young – who have the language. Am Faclair Beag (www.faclair.com), which is an excellent online dictionary, gives the following for corra: ‘1. occasional, odd 2. a few (followed by a lenited noun in the singular)’. Here are some other examples corra fhacal ‘a few words’; corra bhò ‘a few cows’; corra latha ‘a few days’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Mus toir mi am fuasgladh dhuibh: before I give you the solution.
Broadcast
- Sun 10 Mar 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.