Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Na sgeulachdan annasach agus na ceistean èibhinn a bhios luchd-turais a' faighneachd. Tales of the unusual and obscure questions that tourists ask.

Air mìos nàiseanta airson aire a thoirt do throm-uallach, cluinnidh sinn bho dhithis mu na dòighean a tha iadsan a' cleachdadh airson dèiligeadh ri uallach-inntinn làitheil.

Innsidh an t-èolaiche-teicneòlais, Dòmhnall I Dòmhnallach, mar a chaidh gmail a chur air bhog air Là na Gocaireachd fichead bliadhna air ais agus an t-adhartas a tha a' chompanaidh air a dhèanamh ann an saoghal puist-dealain gus an là-an-diugh

Dh’fhoillsich a’ bhuidheann turasachd VisitScotland gu bheil iad a’ dol a dhùnadh na h-ionadan-fiosrachaidh aca air feadh Alba - còrr is fichead dhiubh - thairis air dà bhliadhna bhon t-Sultain am-bliadhna agus thèid gluasad gu ro-innleachd air-loidhne. Bruidhnidh sinn ri triùir a b’ àbhaist a bhith ag obair ann an ionadan-fiosrachaidh Bòrd Turasachd na h-Alba thar nam bliadhnaichean. Cluinnidh sinn bhuapa dè cho cudromach 's a bha na h-ionadan sna bailtean aca agus an seòrsa fiosrachaidh annasach, 's aig amannan amaideach, a bha luchd-turais a’ sireadh bhuapa.

'S tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. An-diugh tha e a' toirt sùil air a' Sunday Post leth-cheud bliadhna air ais sa Ghiblean 1974, bomaichean an IRA, fèilidhean an Rìgh san Òban, leasachadh air an A9 agus freagairt tòimhseachain na cuileige a chur e oirnn an t-seachdain a chaidh.

57 minutes

Last on

Tue 2 Apr 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 2 Apr 2024 09:00
  • Tue 2 Apr 2024 22:25