Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1289
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1289. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 31 Mar 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 985
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1289
Duration: 05:00
Litir 1289: Foithear (2)
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun fhactaraidh aluminium ann am Foithear, taobh Loch Nis. Nuair a chaidh an Canà l Cailleannach a thogail trà th san naoidheamh linn deug, thà inig gu leòr de luchd-turais a choimhead air na h-easan air Abhainn Feachlainn (no Foyers River mar a chanas daoine an-diugh). Dh’fhàs an t-à ite ainmeil air feadh Bhreatainn.
Ron à m sin, cha robh mòran ghoireasan anns an sgìre do luchd-siubhail. Cha robh drochaid ann faisg air na h-easan. Ach bha craobh-laighe tarsainn na h-aibhne faisg air an eas à rd. A rèir aithris, bha fear a bha seo às an sgìre air mhisg. Bha e ag iarraidh dhol gu taobh thall na h-aibhne. Leis nach robh an t-eagal air, chaidh aige air a dhol a-null, dòigh air choreigin, air a’ chraoibh-laighe.
Ach, mo chreach, nuair a thill e don à ite, agus e sòbair, thuig e an cunnart anns an robh e an latha roimhe. Agus thà inig bàs obann air le grèim-cridhe. Uill, ʼs e sin stòiridh a bhite ag innse do luchd-turais, co-dhiù!
Tha eachdraidh na factaraidh ann am Foithir gu math inntinneach. Cheannaich am British Aluminium Company an oighreachd ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895). Bha iad ag amas air dealan saor a chruthachadh le cumhachd an uisge. Bithear a’ cur feum air tòrr cumhachd an dealain airson aluminium a dhèanamh.Â
B’ fheudar dhaibh dam a thogail gu h-à rd os cionn Foithir. Cheangail iad ri chèile dà loch – Loch Gart agus Loch Farralainn. Chruthaich iad loch ùr ris an canar An Loch Mòr. Gu mì-fhortanach, air na mapaichean, tha e air a sgrìobhadh mar ‘Loch Mhòr’.
Chaidh trì rathaidean a chòmhdachadh leis an uisge ùr. B’ fheudar don chompanaidh rathaidean ùra a thogail. Chaidh pìosan fearainn croite fon uisge cuideachd. Fhuair na croitearan a chaill fearann fearann ùr o Thuathanas Ghoirtlig.Â
Bliadhna an dèidh sin, bha an fhactaraidh a’ dol. Fhuair iad a’ chlach-mhèinnir, ris an canar bauxite, tron chanà l. An toiseach, thà inig am bauxite à Èirinn agus à s an Fhraing.Â
Bha am Morair Kelvin na chomhairleach don ghnothachas. Bha esan gu mòr airson ʼs gum biodh na Gà idheil a’ cur turasachd an dà rna taobh, a’ gabhail obair ann am factaraidhean a bhiodh a’ cleachdadh cumhachd dealain-uisge. Agus fhuair na ficheadan daoine obair anns an fhactaraidh ann am Foithir, ged nach robh a h-uile duine aca à s an sgìre fhèin. Thog a’ chompanaidh baile ùr anns an robh còrr is sia ceud duine a’ fuireach.Â
Ach cha robh an leasachadh gun chall. Cha robh Gà idhlig aig a’ chuid a bu mhotha de na daoine a thà inig a-steach o à iteachan eile. Thug an leasachadh, mar sin, droch bhuaidh air staid na Gà idhlig ann an sgìre Shrath Fharagaig.
Dhùin an fhactaraidh ann an naoi ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1967). Bha i ro bheag agus bha an canà l fhèin ro bheag airson leigeil le soithichean mòra a dhol troimhe. Bha an aluminium a rinn i, mar sin, ro chosgail. Ach tha an togalach na sheasamh fhathast.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Foithear: Foyers; Loch Nis: Loch Ness; an Canà l Cailleannach: the Caledonian Canal; Abhainn Feachlainn: Foyers River; Loch Gart: Loch Garth; Loch Farralainn: Loch Farraline; clach-mhèinnir: ore; Srath Fharagaig: Stratherrick.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: trà th san naoidheamh linn deug: early in the 19th century; thà inig gu leòr de luchd-turais a choimhead air na h-easan: plenty of tourists came to view the waterfalls; cha robh mòran ghoireasan: there weren’t many facilities; ag iarraidh dhol gu taobh thall na h-aibhne: wanting to go to the other side of the river; leis nach robh an t-eagal air: because he wasn’t scared; nuair a thill e don à ite, agus e sòbair, thuig e an cunnart anns an robh e an latha roimhe: when he returned to the place in a sober state, he understood the danger in which he had been [was] on the previous day; thà inig bàs obann air le grèim-cridhe: he died suddenly of a heart attack; ag amas air dealan saor a chruthachadh le cumhachd an uisge: aiming to create cheap electricity with water power; b’ fheudar dhaibh dam a thogail gu h-à rd os cionn Foithir: they had to build a dam high above Foyers; fhuair na croitearan a chaill fearann fearann ùr o Thuathanas Ghoirtlig: the crofters who lost land got new land from the Gorthleck Farm; bha am Morair Kelvin na chomhairleach don ghnothachas: Lord Kelvin was an adviser to the business; bha esan airson ʼs gum biodh na Gà idheil a’ cur turasachd an dà rna taobh: he wanted the Highlanders to neglect tourism; a’ gabhail obair ann am factaraidhean a bhiodh a’ cleachdadh cumhachd dealain-uisge: taking work in factories that would use hydro power; cha robh an leasachadh gun chall: the development was not without loss; airson leigeil le soithichean mòra a dhol troimhe: to allow large vessels to go through; ro chosgail: too expensive; tha an togalach na sheasamh fhathast: the building still stands.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chaidh aige air a dhol a-null, dòigh air choreigin, air a’ chraoibh-laighe: he managed to cross, in some way or other, on the fallen tree. The full expression here would be ann an dòigh air choreigin ‘in some way or other’ but the ‘ann an’ is often left out in speech.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha fear a bha seo air mhisg: a certain man was inebriated.
Broadcast
- Sun 31 Mar 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.