còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Dh’fhoillsich a’ bhuidheann turasachd VisitScotland gu bheil iad a’ dol a dhùnadh na h-ionadan-fiosrachaidh aca air feadh Alba - còrr is fichead dhiubh - thairis air dà bhliadhna bhon t-Sultain am-bliadhna agus thèid gluasad gu ro-innleachd air-loidhne. Bhruidhinn sinn ri triùir a b’ à bhaist a bhith ag obair ann an ionadan-fiosrachaidh Bòrd Turasachd na h-Alba thar nam bliadhnaichean. Chuala sinn bhuapa dè cho cudromach 's a bha na h-ionadan sna bailtean aca agus an seòrsa fiosrachaidh annasach, 's aig amannan amaideach, a bha luchd-turais a’ sireadh bhuapa.
Air mìos nà iseanta airson aire a thoirt do throm-uallach, chuala sinn bho dhithis mu na dòighean a tha iadsan a' cleachdadh airson dèiligeadh ri uallach-inntinn là itheil.
An-diugh tha sinn le Apps agus teachdaireachdan air na fònaichean-là imhe a dh'innseas dhuinn dè seòrsa aimsir a bhios againn ann an sgìre sam bith den t-saoghal - fuar, blath, grianach, sgòthach, fliuch, tioram, socair no stoirmeil - chan ann a-mhain an latha sin fhèin ach airson an t-seachdain a tha romhainn. Ach às aonais teicneòlas dè na comharran a bh' aig ar sinnsearan airson an aimsir a thomhais? Dh'fhaighnich sinn do thrùir.
Thòisich sreath ùr de MasterChef air ais air an telebhisean oidhche Luain, ‘s iad a’ comharrachadh gur e seo am ficheadamh sreath. ADiardaoin chuala sinn bho na masterchefs againn fhèin, Annag NicFhionghain, Iain MacRuairidh, Marion F Mhoireasdan agus Amanda NicShannon cuin a ghabh iad fhèin ùidh ann an còcaireachd an toiseach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 7 Apr 2024 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal