Còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Gaelic service conducted by Rev Suzie Roberts, minister with the Baptist Church.
Anns an t-seirbheis seo clunnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
A’ seinn 'Dèan Dhòmhsa Tuigse' agus 'Seo Cuan Grà idh thar Meud na Mara' tha a' bhuidheann Seinneamaid Còmhla
Mèabh NicFhionghuin a’ seinn Salm 30
Mà iri Callan a’ seinn Togaibh na Drochaidean
Seumas Greumach agus Rory MacMhathain a’ seinn Nàs Dlùithe Dhut Fèin, a Dhè.
Leughaidhean: Eòin 15: 9-17
1 Corintianaich 13: 1-13
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh corr air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin 's an duine aice Mìcheal, cuide ri mà thair Siùsaidh, an-diugh air gluasad a dh'Alba.
Last on
Broadcasts
- Sun 5 May 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 May 2024 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal