Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Guests review the weekend's newspaper columns with Cathy MacDonald.

'S iad Donalda NicThòm agus Iain MacÌomhair a tha a' toirt sùil air na colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh-sheachdain.

Bha aire nàiseanta ga tharraing an t-seachdain a chaidh gu eòin grunnachaidh, ach carson? Tha Angela NicFhionghuin air a bhith a-muigh còmhla ri Shona NicIllFhiolain, Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eun, 's iad a clàradh 's a' coimhead eòin grunnachaidh.

Tha dealbh-chluich ùr air chuairt an Alba a tha stèidhichte air leabhar dhen aon ainm, Maggie and Me le Damian Barr. 'S e cunntas de bheatha Damian a' fàs suas ann a siorrachd Lannraig anns na 80an a th'ann, nuair a bha Mairead Thatcher na Prìomhaire ‘s nach robh cùisean buileach furasta do bhalach òg a bha gèidh. Choisinn a' leabhar Sunday Times Memoir of the Year bho chionn aon bliadhn’ deug. Cò ris a tha an dealbh-chluich coltach? Chaidh Artair Donald ga fhaicinn air an deireadh sheachdain.

57 minutes

Last on

Mon 13 May 2024 22:25

Broadcasts

  • Mon 13 May 2024 09:00
  • Mon 13 May 2024 22:25