Main content
Sorry, this episode is not currently available

Catrìona NicGumaraid

Catrìona NicGumaraid a' taghadh cuid den bhàrdachd a b' fheàrr leatha. The late Catrìona Montgomery chooses some of her favourite Gaelic poetry.

'S ann à Ròdhag, faisg air Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach a bha a' bhana-bhàrd agus an tidsear, Catrìona NicGumaraid, a chaochail san Fhaoilleach 2024.

Às dèidh dhi teagsag a thoirt a-mach chur i ùine seachad a’ teagasg Gàidhlig is Nua-eòlais aig Àrd-sgoil Phenilee an Glaschu agus an uair sin bha i an luib foghlam ann an Dùn Dè.

Thàinig leabhar bàrdachd a rinn i le a piuthar, Mòrag, A’ Choille Chiar, a-mach ann an 1974, agus chaidh an leabhar aice fhèin, Rè na h-Oidhche, fhoillseachadh ann an 1994. Chaidh cruinneachadh ùr den bhàrdachd aice, Àilleagan, fhoillseachadh ann an 2018. B' i an ceudamh càrd a fhuair crùn na bàrdachd aig a' Mhòd ann an 2003.

San taghadh aice bha Eilean na h-Òige le Mgr Ailean Dòmhnallach, An Cuala Sibh mu Mhaighdeann Cheutaich agus Òran Luaidh a tha gun urra, Marbhrann do Fhir Taigh Ruspainn le Rob Donn MacAoidh, Atman le Deòrsa Mac Iain Deòrsa, Hallaig le Somhairle MacGill-Eain agus Tha an Cuan Eadarainn le a piuthar, Mòrag NicGumaraid.

Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 1990.

15 minutes

Last on

Mon 6 May 2024 17:15

Broadcast

  • Mon 6 May 2024 17:15