Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Bha aire nàiseanta ga tharraing an t-seachdain a chaidh gu eòin grunnachaidh, ach carson? Chaidh Angela NicFhionghuin a-mach còmhla ri Shona NicIllFhiolain, Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eun, 's chlàr agus chunnaic iad eòin grunnachaidh.

B' i Oighrig NicFhearghais, cèiliche na seachdain. Rugadh Oighrig ann am Bràgar, air taobh siar Leòdhais ach tha i an-diugh a' tàmh anns a' Mhanachainn. Rinn i teagasg bun-sgoil aig colaiste Chnoc Iòrdain agus i na tidsear ann an diofar àiteachean às dèidh sin. Chuir i seachad dà shamhradh ann a Kyrgyzstan an dèidh dhi a dreuchd a' leigeil dhith ach tha i an-diugh, air a dòigh a' cur seachad a h-ùine a' leughadh 's ag obair anns a' ghàrradh.

Tha 200 bliadhna ga chomharrachadh bho thòisich a' chiad seirbheis smàlaidh an Alba. B' ann ann an Dùn Èideann a bha e agus tha taisbeanadh mu dheidhinn, Rising From The Ashes: 200 Years of the Scottish Fire Service ri ùr-fhaicinn sa bhaile. Chuir Cathy cuairt air, an cois Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein agus Iain MacChoinnich airson am beachdan fhaighinn air.

Tha bùth bheag leabhraichean ann a Sussex a' fosgladh aig còig uairean sa mhadainn, a dh'aona ghnothaich do sgrìobhaichean, mar àite far am faigh iad fois agus sàmhchair gus smuaintean a chur an cèill. Dh'fhaighnich sinn do cheathrar sgrìobhaichean, ciamar a bhios iad fhèin a’ sgrìobhadh, càite, dè tha feumail agus dè nach eil!

57 minutes

Last on

Sun 19 May 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 19 May 2024 12:00