Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Mgr Ros Crichton

Seirbheis còmhla ri Mgr Ros Crichton, Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeigh. Service with Fr Ross Crichton, parish priest South End of Uist and Eriskay.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn "O thoir mi null gud Chridhe Naomh"
Còisir Eaglais Naomh Peadair a' seinn an "Gloria"
Sineag Nic an t-Saoir a' seinn "Bheir mi gràdh dhut a Thighearna mo Dhia"
Pòl MacCaluim a' seinn "Chridhe Ghaolaich Iosa"
Còisir Eaglais Naoimh Mhìcheil ann an Èirisgeigh a' seinn "Dh'fhàg thu sìth"
An còmhlan Sian a' seinn "Laoidh Chaluim Chille"

A' cheud leughadh: Hosea 11: 1-3, 4, 8-9
An dàrna leughadh: Ephesianaich 3: 8-12, 14-19
Soisgeul: Eòin 19: 31-37

Rugadh Mgr. Ros Crichton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean-teaghlaich làidir aige ri Earra-Ghàidheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhàthar. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh, far an do chuir e seachad còig bliadhna a’ dèanamh ceum ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig Oilthigh Gregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhràing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach.

Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna ann am paraiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an Lagh. A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e a Bheinn na Faoghla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh deich bliadhna na shagart-paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Èirisgeigh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair, Uibhist a Deas, ann an 2017.

Aig an aon àm, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sàcramaideach na h-Eaglaise, obair a tha a’ leantainn fhathast ach a tha aig ìre gu math adhartach.

Tha e cuideachd na iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn, ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na oileanach fon sgeama seo."

30 minutes

Last on

Sun 9 Jun 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 9 Jun 2024 09:00
  • Sun 9 Jun 2024 15:00