Còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich
Seirbheis còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm. Gaelic service with Army Chaplain Rev Hector MacKenzie.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Iain MacIllInnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 16: 5-7 air fonn London New agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille Mhòire san Eilean Sgiathanach
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 72: 17-19 air fonn Stornoway agus ‘s e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Leughaidhean : Leabhar nan Salm – Salm 23
Eclesiastes: 3: 1-4
1 Timoteus 1: 1-7 & 12-15
Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh tha e na phadre san Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ri Na Highlanders agus tha e a-nise shios faisg air Yorkshire. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e a' cluich iomain, a' sreap nam beann nuair a bhios an cothrom aige agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghà idhlig agus ann an dualchas is eachdraidh nan Gà idheal.
Last on
Broadcasts
- Sun 30 Jun 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jun 2024 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2024 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal