Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Bha cabhaig ga dhèanamh aig 10 Sràid Downing an dèidh an taghaidh, gus am Prìomhaire ùr 's a chuid gnothaichean a ghluasad a-steach. Bha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn mun othail a tha an cois a bhith a' gluasad dachaigh. Dè na dòighean as fheàrr air a dhol timcheall air?

Tha ball-pàrlamaid ùr aig na h-Eileanan an Iar airson a' chiad uair ann am faisg air fichead bliadhna, esan Torcuil Crichton, às a' Rubha ann an Leòdhas. Fhuair Cathy cothrom còmhraidh leis is e air ùr-thòiseachadh aig Westminster.

B' i Norma Young à Stafainn san Eilean Sgitheanach cèiliche na seachdain. Bha Norma os cionn a' chiad sgoil ann an Roinn na Gàidhealtachd a chaidh ainmeachadh mar sgoil Ghàidhlig, ‘s an uair sin ann an diofar dhreuchdan aig àrd ìre co-cheangailte ri foghlam. Chan ann na tàmh a tha i air a bhith bho leig i seachad a dreuchd a bharrachd; tha i trang a’ ruith làrach campachaidh san Eilean Sgitheanach agus na Leas-mhorair-ionaid a’ Chrùin do sgìre Rois is Chrombaidh.

Cuin a bu chòir dhut a' fòn agad fhàgail balbh gun bìog a' tighinn às na do phòcaid? 'S iomadh turas a chuala sinn fòn a' dol dheth nuair nach bu chòir, ach dè tha modhail is dè tha mì-mhodhail mu na dòighean anns a bheil sinn a' cleachdadh nam fònaichean againn? Bha Domhnall MacGilleMhoire, Coinneach Combe, agus Ruairidh Greumach a' beachdachadh air a' chùis bho shealladh luchd-cuirm, luchd-cèilidh, agus luchd-èisteachd.

57 minutes

Last on

Sun 21 Jul 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 21 Jul 2024 12:00