Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1311

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1311. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 1 Sep 2024 13:55

Clip

Litir 1311: Caisteal Loch nan Doirb (1)

Bu mhath leam an Litir a thòiseachadh an t-seachdain seo le ceist. Dè an caisteal ann an Alba anns an robh rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach, ach anns nach robh rìgh Albannach riamh a’ fuireach? Fàgaidh mi tiotan agaibh airson beachdachadh air sin. Ach bheir mi am fios seo dhuibh. Cha ruig thu an caisteal air do chasan a-mhàin. Agus tha e air a’ Ghàidhealtachd. Seo agaibh a’ cheist a-rithist: Dè an caisteal ann an Alba anns an robh Rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach, ach anns nach robh Rìgh Albannach riamh a’ fuireach?

’S e am fuasgladh Caisteal Loch nan Doirb no, ann am Beurla, Lochindorb. Tha e shuas sa mhonadh eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach, ann an seann Siorrachd Narann. Tha an caisteal air eilean anns an loch. ’S e sin as coireach nach ruig duine an caisteal air a chasan a-mhàin. Airson a ruigsinn, tha dà dhòigh ann – le bhith a’ dol ann am bàta no le bhith a’ snàmh a-null ’s a-nall. Agus o chionn ghoirid, chaidh mi ann ann an geòla bheag rubair.

Tha e furasta gu leòr faighinn ann, co-dhiù ma tha an aimsir math gu leòr. Tha an t-eilean dìreach trì cheud meatair on chladach far a bheil rathad airson charbadan. Agus tha an caisteal follaiseach gu leòr. Tha ballachan cloiche àrda air, agus tha e gu math mòr, a’ còmhdachadh aon phuing a dhà (1.2) acaire – cha mhòr an t-eilean air fad.

Tha e còrr is seachd ceud bliadhna a dh’aois. Chaidh a thogail anns an dàrna leth dhen treas linn deug. Agus carson a thuirt mi gun robh rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach ann? Uill, tha e clàraichte gun do chuir Eideard I ùine seachad ann sa bhliadhna trì cheud deug ’s a trì (1303). Bidh tuilleadh agam air eachdraidh an àite nas fhaide air adhart.

Ach bhuail ceist eile orm. An e eilean nàdarrach a th’ ann no an deach a thogail mar chrannag? Chan eil na h-eòlaichean aontaichte air sin. Rinn àrc-eòlaichean suirbhidh ann o chionn beagan is trithead bliadhna. Cho-dhùin iad gur e eilean nàdarrach a th’ ann, ach gun deach clachan a bharrachd a chur ris. Cha d’ fhuair iad fianais de chrannag sam bith anns an loch. Bha sin a’ dol an aghaidh beachd muinntir an àite oir bha iadsan air dèilean mòra daraich a lorg ann. Bha crannagan air an togail de dh’fhiodh an toiseach mus robh an structar air a lìonadh le clachan.

Co-dhiù tha an t-eilean nàdarrach no nach eil, bha e follaiseach do na Cuimeanaich – a bha cumhachdach ann an ceann a tuath na h-Alba – gum biodh e math dhaibh mar àite tèarainte. Thog iad caisteal ann, math dh’fhaodte eadar na bliadhnaichean dà cheud deug is seasgad (1260) agus dà cheud deug is ochdad (1280). Thog iad caistealan eile ann am Bàideanach is Loch Abar mun aon àm. 

An-diugh, tha Loch nan Doirb rudeigin fad-às. ’S e àite sàmhach a th’ ann, gu h-àrd sa mhonadh. Ach, aig aon àm, bha an t-àite fìor chudromach. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Loch nan Doirb: Lochindorb; Siorrachd Narann: Nairnshire; geòla bheag rubair: a small rubber dinghy; ballachan cloiche àrda: high stone walls; clàraichte: recorded; Eideard: Edward; àrc-eòlaichean: archaeologists; na Cuimeanaich: the Comyns (Cummings); rudeigin fad-às: somewhat remote.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: anns an robh rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach: in which an English king was living at one time; anns nach robh rìgh Albannach riamh a’ fuireach: in which a Scottish king was never living; cha ruig thu an caisteal air do chasan a-mhàin: you won’t reach the castle entirely on foot; shuas sa mhonadh eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach: up in the hill country between Nairn and Grantown-on-Spey; bidh tuilleadh agam air eachdraidh an àite nas fhaide air adhart: I’ll have more on the history of the place at a later point; an e eilean nàdarrach a th’ ann no an deach a thogail mar chrannag?: is it a natural island or was it constructed as a crannog?; an aghaidh beachd muinntir an àite: against the opinion of the local people; bha iadsan air dèilean mòra daraich a lorg ann: they had found large oaken planks; mus robh an structar air a lìonadh le clachan: before the structure was filled with stones; thog iad caistealan eile ann am Bàideanach is Loch Abar mun aon àm: they built other castles in Badenoch and Lochaber;’s e àite sàmhach a th’ ann: it’s a quiet place.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Fàgaidh mi tiotan agaibh airson beachdachadh air sin: I’ll leave you a moment to think about that. How might we say ‘moment’ in Gaelic? Several nouns might suffice – mòmaid, mionaid, and even priobadh. For ‘I’ll be with you in a moment’ we might say, bidh mi còmhla riut ann an dà dhiog, bidh mi còmhla riut ann an cnag or bidh mi còmhla riut an-ceartair. For ‘hang on a moment’ we might say fuirich ort mionaid bheag. And remember tiotan (also tiota or tiotag). Bidh mi ann ann an tiotan ‘I’ll be there in a moment’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: le bhith a’ snàmh a-null ’s a-nall: by swimming over and back.

Broadcast

  • Sun 1 Sep 2024 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast