Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1315
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1315. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 29 Sep 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1011
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1315
Duration: 05:00
Litir 1315: Caisteal Loch nan Doirb (5)
Thairis air a’ mhìos a dh’fhalbh, tha mi air a bhith ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. An t-seachdain sa chaidh, dh’inns mi mar a chaidh a sgrios a dh’aona-ghnothach, fo òrdugh Rìgh Sheumais II, ann an ceithir cheud deug, caogad ’s a còig (1455). Tha e air a bhith na thobhta bhon uair sin.
Chan e nach robh plana sam bith ann airson a leasachadh. A rèir aithrisean ann am pà ipearan-naidheachd anns na h-ochdadan dhen linn a dh’fhalbh bha feadhainn a’ beachdachadh air an t-à ite a leasachadh airson luchd-turais.Ìý
Bha Iarla Chaladair airson a dhèanamh na phrìomh cheann-uidhe airson luchd-turais – ann an sgìre far nach robh mòran turasachd. Bhathar ag iarraidh à ite-pà rcaidh do chà raichean a bhith ann air tìr-mòr mu choinneimh a’ chaisteil. Bhiodh laimrig air a togail ann agus bhiodh seirbheisean-aiseig a’ toirt daoine a-mach don chaisteal.Ìý
Ach cha robh a h-uile duine toilichte mun phlana. Nuair a bha mise thall aig a’ chaisteal, chunnaic mi lachan-riabhach a’ suirghe agus faoileagan a’ neadachadh. Tha fhios gu bheil eòin gu leòr a’ neadachadh anns an eilean – agus thog luchd-dìon nan eun an guthan an aghaidh an leasachaidh.Ìý
Chaidh a’ chùis don Riaghaltas aig a’ cheann thall – Riaghaltas Bhreatainn aig an à m sin – agus feumaidh gun deach a dhiùltadh. A bharrachd air suidheachadh nan eun is fiadh-bheatha eile, bhiodh ceist mhòr ann mu staid nam ballachan agus sà bhailteachd luchd-tadhail. Bhiodh cosgais mhòr co-cheangailte ris an obair a dh’fheumte dhèanamh.
Saoil dè thachair don stuth a bha am broinn a’ chaisteil nuair a bha daoine a’ fuireach ann? Chan eil fhios a’m. Math dh’fhaodte gu bheil gu leòr dheth ann an caistealan eile. Tha pìos no dhà ann an taighean-tasgaidh, leithid adharc-fhùdair – a gunpowder-horn – a chaidh a lorg ann an tobhta a’ chaisteil.
Agus abair an rud a chaidh a lorg o chionn beagan is trithead bliadhna nuair a rinn sgioba de dh’à rc-eòlaichean rannsachadh mionaideach fo uachdar an locha. Cha robh an obair gun chunnart. Bha dà ibhearan air sligean a lorg nach do spreadh.
Lorg na h-à rc-eòlaichean aon rud fìor shònraichte nuair a bha iad fhèin a’ dà ibheadh. B’ e sin siuga mòr a bha còig ceud bliadhna a dh’aois. Bha e ann an deagh òrdugh, agus bha na dathan air – buidhe, uaine is donn – follaiseach gu leòr fhathast. Bha e air a thoirt a Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis.
Bu mhath leam mo chunntas air Loch nan Doirb a thoirt gu ceann le iomradh air lus sònraichte a bha, a rèir aithrisean, a’ fàs ann. Bha muinntir na sgìre a’ gabhail ‘Lochindorb kale’ air. Bha iad dhen bheachd gur e tar-chineal a bh’ ann eadar cà l dearg no red cabbage agus snèap, agus an dà lus sin air an cur ann leis an fheadhainn mu dheireadh a bha a’ fuireach anns an eilean.
Bha na duilleagan air an ithe le muinntir an à ite, agus leis a’ chrodh a bh’ air a thoirt a-null. Bha na freumhaichean air leth mòr, suas ri punnd ann an cuideam. A bheil an lus sin fhathast a’ fàs ann? Uill, chunnaic mi sgeallan anns an eilean, ach chan fhaca mi cà l Loch nan Doirb. Is mòr am beud.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Caisteal Loch nan Doirb: Lochindorb Castle; Iarla Chaladair: Earl of Cawdor; fiadh-bheatha: wildlife; taighean-tasgaidh: museums; siuga: jug; tar-chineal: hybrid; snèap: turnip; freumhaichean: roots; sgeallan: wild mustard.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: dh’inns mi mar a chaidh a sgrios a dh’aona-ghnothach: I told you how it was destroyed deliberately; fo òrdugh Rìgh Sheumais II: under the order of King James II; chan e nach robh plana sam bith ann airson a leasachadh: it’s not as if there was no plan whatsoever to develop/improve it; airson a dhèanamh na phrìomh cheann-uidhe airson luchd-turais: to make it a prime destination for tourists; bhiodh laimrig air a togail ann: a quay would be built there; bhiodh seirbheisean-aiseig a’ toirt daoine a-mach don chaisteal: ferry services would transport people to the castle; chunnaic mi lachan-riabhach a’ suirghe agus faoileagan a’ neadachadh: I saw mallard ducks courting and seagulls nesting; thog luchd-dìon nan eun an guthan an aghaidh an leasachaidh: the bird conservation lobby raised its voices against the development; feumaidh gun deach a dhiùltadh: it must have been refused; staid nam ballachan agus sà bhailteachd luchd-tadhail: the state of the walls and the safety of visitors; a bha am broinn a’ chaisteil: that was inside the castle; nuair a rinn sgioba de dh’à rc-eòlaichean rannsachadh mionaideach fo uachdar an locha: when a team of archaeologists did detailed research under the surface of the loch; bha dà ibhearan air sligean a lorg a nach do spreadh: divers had found shells that had not exploded; le iomradh air lus sònraichte: with mention of a special plant; bha na duilleagan air an ithe le muinntir an à ite: the leaves were eaten by the local people; is mòr am beud: more’s the pity.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bhiodh cosgais mhòr co-cheangailte ris an obair a dh’fheumte dhèanamh: a great cost would be involved in the work that would have to be done. Feumte is a past and conditional passive form of the verb feum ‘have to, must’ with the meaning ‘would have to, would need to’. Because of the ‘f’ followed by a vowel (which silences when lenited), in this circumstance we precede it with a ‘dh’’ (and no space) which has a ‘y’ sound.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: abair an rud a chaidh a lorg: what an amazing thing was found.
Broadcast
- Sun 29 Sep 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.