Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Agnes NicFhearghais-Mitchell

Seirbheis còmhla ri Agnes NicFhearghais-Mitchell bhon Eaglais Abstolach. Gaelic religious service with Agnes Ferguson-Mitchell from the Apostolic Church.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-5 le Coitheanal Chill an Rubha aig Eaglais na h-Alba ann an ÃŒle.
Dèan Dhòmhsa Tuigse, air a sheinn le Donaidh M MacLeòid
An còmhlan na Brogues bhon chlàradh Seinneamaid Còmhla agus iad a' seinn, Gabh Mo Bheatha, 's Bitheadh i.
A' bhuidheann Seinneamaid Còmhla à Stafainn a' seinn Seo Cuan Gràidh Thar Meud na Mara

Leughadh: Ioshua 1: 1-9

Rugadh Agnes NicFhearghais Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a 'Faith Mission' ann an Dùn Èideann far an d’fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe.

Ghluais Agnes a Chanada far an robh i an sàs ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann an Vancouver agus bha Daibhidh, an duine aice, na mhinistear anns an Eaglais Congregational ann an Canada bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha anns a' choitheanal. Tha ceathrar chloinne aca agus bha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh.

Tha Agnes air seirbheisean Gàidhlig air-loidhne a chlàradh airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu. Tha i cuideachd air a bhith na dealbhadair phroifeasanta airson còrr air deich bliadhna.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 27 Oct 2024 09:00
  • Sun 27 Oct 2024 15:00