còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Air Seachdain Nà iseanta Uchd-Mhacachd, chuala sinn sgeulachd teaghlaich mu thuras a ghabh nighean òg agus a h-athair na bu trà ithe am-bliadhna, gu taobh eile an t-saoghail. Trà th aig toiseach na linne, dh’uchd-mhacaich cà raid à Dùn Èideann, Dòmhnall Iain agus Alice NicDhòmhnaill dithis chlann-nighean òga à Sìona. Am-bliadhna, thill Dòmhnall Iain agus Jenny, an tè as sine dhen chlann-nighean, a Shìona airson a' chiad uair ann an còrr air fichead bliadhna, feuch dè a gheibheadh iad a-mach mu phà rantan breith Jenny. Thadhail Cathy orra an dèidh dhaibh tilleadh gus cluinntinn mar a chaidh dhaibh.
Agus 's i Mòrag NicNèill cèiliche na seachdain; tè a bhuineas do Bharraigh bho thùs, ach a th' air iomadach bliadhna a chuir seachad san Òban - is a bha ag obair ann an Eilean Ì bliadhnaichean. Ciamar a thà inig i gu bhith san Òban, dè seòrsa obair ris an robh i aig Abaid Ì, agus a bheil muinntir a' bhaile air faighinn seachad air Mòd na seachdain sa chaidh?
Tha Alasdair MacEachainn air tilleadh bho thuras a dh' Èirinn, far an robh e a' dèanamh òraid air Hiort - is deasbad mòr a' dol mun inbhe UNESCO a th' aig Hiort a thoirt do na h-Eileanan Blasgaid ann an Èirinn. Dè na h-eileanan a tha sin, agus a bheil coimeas ri dhèanamh eadar suidheachadh nan eilean sin ann an Èirinn, is suidheachadh Hiort sa latha an-diugh?
Tha feamainn pailte air na cladaichean mu chuairt oirnn air a' Ghà idhealtachd 's e air a chleachdadh thar nam bliadhnaichean airson daoine is talamh a bhiathadh agus ann an cungaidhean-leigheis 's maise-gnùis. Ach airson plèanaichean a dhèanamh a-mach à s? Uill, san dà rna cogadh bha luchd-saidheans Breatannach a’ coimhead ri itealain a thogail le feamainn. Fhuair sinne an eachdraidh bho Chalum Iain Bartlett agus mhìnich Iain MacAonghais an saidheans
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 27 Oct 2024 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal