Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1323
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1323. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 24 Nov 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1019
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1323
Duration: 05:00
Litir 1323: PÃ draig Friseal (1)
Tha ceist agam dhuibh co-cheangailte ri poilitigs. Cò am fear – a bhuineadh do shliochd nan Gà idheal – a bha na b’ fhaide na duine sam bith eile mar phrìomhaire ann an dùthaich a bhuineas don Cho-fhlaitheas? Nise, bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi a-mach air Canada. Bhuineadh a’ chiad dà phrìomhaire ann an Canada – an Ridire Iain Dòmhnallach agus Alasdair MacCoinnich – do shliochd nan Gà idheal.
Ach tha mo shùil air dùthaich eile – Sealann Nuadh, New Zealand. Tha e iongantach na bh’ ann de dhaoine a bhuineadh do Shiorrachd Rois a bha ann an à rd-dreuchdan ann an Riaghaltas agus Pà rlamaid Shealainn Nuaidh. Mar eisimpleir, Scobie MacCoinnich à Baile Dhubhthaich agus Ruairidh MacCoinnich às a’ Phloc. Bha Sir Iain MacCoinnich à Àird Rois na Leas-phrìomhaire, agus bha Sir Tòmas MacCoinnich à Inbhir Ghòrdain na Phrìomhaire greis. Bidh sibh a’ mothachadh gum buin iad uile do Chloinn ’ic Coinnich. Sgrìobh mi mu Iain MacCoinnich ann an Litir 483 agus na Litrichean a lean air sin.
Ach cha robh gin de na daoine sin cho cliùmhor ri Pà draig Friseal – Peter Fraser. Bhuineadh esan do Bhaile an Droma ann an Sgìre Manachainn Rois, faisg air Baile Dhubhthaich. Fear eile à Siorrachd Rois!Â
’S e a’ Bheurla a th’ air Baile an Droma ‘Hill of Fearn’. Tha muinntir an à ite fhathast a’ cuimhneachadh Phà draig Fhriseil, agus le fìor dheagh rùn. Tha mi airson innse dhuibh mu a bheatha. A rèir aithris, ged a choisinn e a chliù thall ann an Sealann Nuadh, bha riamh grà dh mòr mòr aige air a’ Ghà idhealtachd.
Ged as e ‘Peter’ a bha air ann am Beurla, tha mi an dùil gur e ‘Pà draig’ a bha a phà rantan a’ gabhail air oir bha e aithnichte mar ‘Pat’ am measg a chà irdean ’s a charaidean. Bha Gà idhlig aig a dhithis phà rantan, ged nach urrainn dhomh a rà dh an robh Gà idhlig aig Pà draig fhèin. Chuireadh e iongnadh orm mura robh tomhas dhith aige.
Bhuineadh cuideachd a mhà thar do Sgìr’ Raoghaird ann an Cataibh. Bha iad air am fuadachadh às an à ite sin. Ghluais seanair Phà draig gu Manachainn Rois far an robh e ag obair mar shaor. Rugadh mà thair Phà draig – Iseabail – an sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849).
’S ann do sgìre taobh siar Loch Nis a bhuineadh sinnsirean athar. ’S e goibhnean a bh’ annta. Bha seanair Phà draig – Alasdair – na ghobha ann am Baile Mhuchaidh faisg air Baile an Droma. Rugadh athair Phà draig – Dòmhnall – ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1845).
Gu h-annasach, math dh’fhaodte, cha do phòs Dòmhnall is Iseabail ann an Alba idir. Bha Dòmhnall ag obair mar ghreusaiche agus rinn e eilthireachd a Chanada. Bha e ann am Manitoba agus an uair sin chaidh e a dh’fhuireach ann am Montreal. Chaidh Iseabail a-null a choinneachadh ris agus phòs iad ann am Montreal.
Shà bhail iad beagan airgid, agus thill iad a dh’Alba. Cheannaich iad taigh, le trì seòmraichean, ann am Baile an Droma far an do thog iad ochdnar cloinne. Lean Dòmhnall air le obair greusaiche. Rugadh Pà draig ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), an seachdamh leanabh aig Dòmhnall is Iseabail.
Fhuair Pà draig a chuid foghlaim anns a’ bhun-sgoil ionadail, far an robh e na dheagh sgoilear. Bheir sinn sùil air a bheatha anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: an Ridire Iain Dòmhnallach: Sir John MacDonald; Baile Dhubhthaich: Tain; Am Ploc: Plockton; Inbhir Ghòrdain: Invergordon; Sgìr’ Raoghaird: Rogart; Iseabail: Isabella; goibhnean: blacksmiths; Baile Mhuchaidh: Balmuchy; phòs: married; ochdnar cloinne: eight children.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cò am fear – a bhuineadh do shliochd nan Gà idheal: who was the man – who belonged to the descendants of Gaels; na b’ fhaide na duine sam bith eile mar phrìomhaire: longer than any other man [person] as prime minister; dùthaich a bhuineas don Cho-fhlaitheas: a country that belongs to the Commonwealth [of Nations]; tha e iongantach na bh’ ann de dhaoine a bhuineadh do Shiorrachd Rois: it’s amazing how many people there were that belonged to Ross-shire; à rd-dreuchdan ann an Riaghaltas agus Pà rlamaid Shealainn Nuaidh: important positions in the Government and Parliament of New Zealand; bha Sir Iain MacCoinnich à Àird Rois na Leas-phrìomhaire: Sir John Mackenzie from Ardross was Deputy Prime Minister; gum buin iad uile do Chloinn ’ic Coinnich: that they all belong to Clan Mackenzie; cha robh gin de na daoine sin cho cliùmhor ri Pà draig Friseal: none of those people were as renowned as Peter Fraser; bhuineadh esan do Bhaile an Droma ann an Sgìre Manachainn Rois: he belonged to Hill of Fearn in the Fearn area; le fìor dheagh rùn: with great affection; ged a choisinn e a chliù thall ann an Sealainn Nuaidh, bha riamh grà dh mòr mòr aige air a’ Ghà idhealtachd: although he won his reputation over in New Zealand, he retained a great love of the Highlands; bha e aithnichte mar ‘Pat’ am measg a chà irdean ’s a charaidean: he was known as ‘Pat’ among his relatives and friends; bha Dòmhnall ag obair mar ghreusaiche: Donald was working as a shoemaker; rinn e eilthireachd a Chanada: he emigrated to Canada; shà bhail iad beagan airgid agus thill iad a dh’Alba: they saved a bit of money and returned to Scotland; fhuair Pà draig a chuid foghlaim anns a’ bhun-sgoil ionadail: Peter received his education in the local primary school.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chuireadh e iongnadh orm mura robh tomhas dhith aige: it would surprise me if he didn’t have some of her i.e. if he didn’t speak a bit of Gaelic. Chuireadh is a conditional form of the verb cuir. We form it by taking the verbal root, cuir, leniting it and adding an –(±ð)²¹»å³ó to the end. An cuireadh e iongnadh ort? ‘would you be surprised?’; Chuireadh ‘yes’. Cha chuireadh idir ‘no, not at all’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: tha mo shùil air dùthaich eile: my attention is on another country.
Broadcast
- Sun 24 Nov 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.