Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

Tha Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba air liosta ùr fhoillseachadh dè na pìosan lìtreachais a thathar air taghadh airson sgoilearan a tha dèanamh cursaichean Beurla National 5 agus Beurla aig Àrd Ìre. Chuala sinn bho Dòmhnall S Moireach mar a tha an dealbh-chluich Sequamur, a’ sgrìobhadh e fhèin, an luib na sgrìobhaidhean a chaidh a thaghadh as ùr . Thug a neach-teagaisg Catriona Dunn agus an sgrìobhaiche Shelagh Chaimbeul beachd air dè cho cudromach sa tha an liosta agus fhuair sinn cuimhneachain bhuapa air na pìosan litreachas a leugh iad fhèin nuair a bha iad san sgoil.

Tha prògram telebhisean ùr, air a seanail Discovery Plus a leantail beatha làitheil Jacob Rees Mogg 's an teaghlach aige. Tha Rees Mogg gu math aithnichte mar fhear a bha na bhall-pàrlamaid Tòraidheach. Bha an te-naidheachd Anna NicLeòid a' coimhead Meet the Rees-Moggs.

Bha Calum Steele, a bha na Àrd-Rùnaire air Caidreachas a' Phoileis an Alba, a' mìneachadh dè na laghan 's na riaghaltean a tha mu chuairt ghunnaichean 's an dùthaich.

Bha Magaidh NicDhòmhnaill air chuairt aig Eaglais Cholm Chille ann a Steòrnabhagh, 's iad a' comharrachadh 230 bliadhna.

57 minutes

Last on

Sun 8 Dec 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 8 Dec 2024 12:00