Main content
This programme will be available shortly after broadcast

01/01/2025

Fred MacAmhlaigh ann an còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan mu bheatha ’s mu bhàrdachd. The late Fred MacAulay discusses his life and poetry with Donald Morrison.

Tha ceud bliadhna an-diugh bho rugadh an t-sàr chraoladair, an sgoilear eachdraidh agus canàin, am bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, an t-Uibhisteach, Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich à Solas.

Anns a' bhliadhna 2000 rinn Fred 's am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan, sreath phrògraman còmhla a' còmhradh mu na bh' aig cridhe beatha Fred eadar teaghlach, cànan agus craoladh. A thuilleadh air a sin fhuair sinn cuid de a bhàrdachd a tha a' toirt sealladh air a bheatha fhèin agus air a bheachd air cor na Gàidhealtachd agus cor an t-saoghail.

Sa phrògram seo 's ann air a shinnsireachd agus eachdraidh sgìre Sholais, a theaghlach a bha cho gràdhach aige, a làithean sgoile an Uibhist agus buaidh a' chogaidh air a bheatha a tha iad a-mach.

Cluinnidh sinn cuideachd a bhàrdachd 'Seonaidh Aonghais Bhàin', 'Uilleam a’ Mhiseanaraidh', 'Tilleadh' bhuaithe, 'Freumhaichean', 'Còmh-Thràth Mo Bheatha', 'Dòmhnall Bàn' agus 'Mòr-Anna'.

Release date:

1 hour

On radio

New Year's Day 2025 09:00

Broadcasts

  • New Year's Day 2025 09:00
  • New Year's Day 2025 21:00