Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Dealbh-chluich le sgoiltean na Hearadh

Dealbh-chluich le sgoiltean na Hearadh a' comharrachadh dìleab a' Mhorair Leverhulme. Schools in Harris commemorate Lord Leverhulme's legacy 100 years on.

As t-earrach am-bliadhna bha sgoiltean Leòdhais ‘s na Hearadh a’ comharrachadh ceud bliadhna de eachdraidh a’ Mhorair Leverhulme sna h-eileanan agus, ri linn mar a dh’fhàg e an talamh aca, mar a chaidh a’ chiad urras fearann coimhearsnachd riamh a stèidheachadh ann an 1924 fo ainm Urras Steòrnabhaigh. Rinn cuid de sgoiltean deilbh-chluich airson a’ Mhòid agus chaidh ceithir chuirmean a chur air chois fo sgèith a’ phròiseict, Dìleab.

A seo cluinnidh sibh sgoilearan sgoiltean na Hearadh leis an dealbh-chluich acasan agus Dòmhnall Màrtainn agus Amy NicAoidh ag innse na sgeòil. Chaidh an dealbh-chluich a sgrìobhadh le Iain MacSuain agus Aonghas MacIllinnein.

Fhuair Dìleab-Leverhulme - compàirteachas eadar Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar agus Fèisean nan Gàidheal - taic bho Riaghaltas na h-Alba agus chaidh an dealbh-chluich a chlàradh le Sgioba Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar.

Release date:

57 minutes

On radio

Christmas Day 2024 16:00

Broadcast

  • Christmas Day 2024 16:00