Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Òige am Bràdhagair agus ciad obair an Glaschu

Coinneach Caimbeul, Denis Bhràdhagair ann an còmhradh ri Annella NicLeòid. Kenneth Campbell, 'Denis' of Denis Autos in Bragar, in conversation with Annella Macleod about his life.

Chan eil mòran a tha a' sreap ris a’ cheithir fichead a tha a’ ruith gnìomhachas sia là san t-seachdain a th’ air a bhith dol còrr air leth-cheud bliadhna, ‘s a tha a cheart cho càilear dha ‘s a bha e riamh; ach chan eil mòran dhaoine coltach ri Coinneach Caimbeul, neo Denis Bhràdhagair mar as fhèarr a dh’aithnichear e.

Tha na mìltean de chàraichean, bhanaichean, làraidhean agus baidhseagalan air a thighinn tro dhorsan a’ gharaids aige ann am Bràdhagair air taobh siar Leòdhais tro na bliadhnaichean sin agus tha daoine fhathast a’ tadhal a dh’iarraidh puist feans, geataichean, pìos airson càr neo, ‘s dòcha nas trice an-diugh, pìosan airson tractar.

Agus an teis-meadhan cùisean tha Denis sa bhoiler-suit, le facal aige dhan a h-uile duine agus gàire air aodann. Duine bho dhuine a-mach ‘s a-steach, sean is òg, ‘s seanchasan is gàireachdainn ri chluinntinn gun sgur. Chan eil abhsadh air. ‘S tha cuimhne aige a tha neo-chumanta.

Chaidh Annella NicLeòid a chèilidh air sa gharaids às dèidh dhan obair là aige a bhith seachad agus sa chiad phrògram de shia, tha i cluinntinn mu òige am Bràdhagair agus mar a chaidh e a dh'obair a Ghlaschu ann an 1960 aig aois 15.

Release date:

30 minutes

On radio

Tomorrow 15:30

Broadcasts

  • Tomorrow 15:30
  • Wednesday 20:00
  • Next Sunday 10:00