Denis Bhrà dhagair 3/6
Coinneach Caimbeul, Denis Bhrà dhagair ann an còmhradh ri Annella NicLeòid. Kenneth Campbell, 'Denis' of Denis Autos in Bragar, in conversation with Annella Macleod about his life.
Chan eil mòran a tha a' sreap ris a’ cheithir fichead a tha a’ ruith gnìomhachas sia là san t-seachdain a th’ air a bhith dol còrr air leth-cheud bliadhna, ‘s a tha a cheart cho cà ilear dha ‘s a bha e riamh; ach chan eil mòran dhaoine coltach ri Coinneach Caimbeul, neo Denis Bhrà dhagair mar as fhèarr a dh’aithnichear e.
Tha na mìltean de chà raichean, bhanaichean, là raidhean agus baidhseagalan air a thighinn tro dhorsan a’ gharaids aige ann am Brà dhagair air taobh siar Leòdhais tro na bliadhnaichean sin agus tha daoine fhathast a’ tadhal a dh’iarraidh puist feans, geataichean, pìos airson cà r neo, ‘s dòcha nas trice an-diugh, pìosan airson tractar.
Agus an teis-meadhan cùisean tha Denis sa bhoiler-suit, le facal aige dhan a h-uile duine agus gà ire air aodann. Duine bho dhuine a-mach ‘s a-steach, sean is òg, ‘s seanchasan is gà ireachdainn ri chluinntinn gun sgur. Chan eil abhsadh air. ‘S tha cuimhne aige a tha neo-chumanta.
Chaidh Annella NicLeòid a chèilidh air sa gharaids às dèidh dhan obair là aige a bhith seachad agus san treas prògram cluinnidh sinn mun obair imrich ris a robh e - am measg a h-uile cà il eile - agus a' chuimhne mhìorbhaileach a th' aige air na cà raichean a bha sa bhaile bho chionn còrr air trì fichead bliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Music Played
-
Julie Fowlis
An t-Aparan Goirid 's an t-Aparan Ùr (Oran do Sheasaidh Bhaile Raghnaill)
- Cuilidh.
- Spit & Polish.
- 3.
-
Steven MacIomhair
Loch Maruibhe
- Cladaich Loch Iu.
- Steven MacIomhair.
- 005.
-
Skipper's Alley
Muireann's: The Trousers Slide / Sleamhnan Mhuirne
- Skipper's Alley.
- Skipper's Alley.
- 008.
Broadcasts
- Mon 10 Feb 2025 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Feb 2025 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Feb 2025 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal