Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1336
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1336. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 23 Feb 2025
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1032
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1336
Duration: 05:00
Litir 1336: Gille agus Ghillie (2)
Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun fhacal gille agus mar a thà inig e a-steach don Bheurla mar ‘ghillie’. Bha m’ aire air a toirt don fhacal le prògram telebhisein Astrà ilianach.Â
’S e drà ma a bh’ ann, stèidhichte air talamh à rd, am measg nam beann, ann am Bhictoria, ann an ceann an earra-dheas na dùthcha. Bha fear car neònach ann. Bha e a’ fuireach anns a’ choille fad na h-ùine. Bha e a’ cumail am falach bho dhaoine eile. Ged a bha fios aig daoine gun robh e ann, ’s ann ainneamh a chitheadh iad e. Agus bha muinntir na sgìre a’ gabhail ‘the ghillie-man’ no ‘Ghillie Jack’ air.Â
An toiseach, cha robh mi cinnteach dè bhathar a’ ciallachadh le ghillie-man, agus an ann bhon Ghà idhlig no bho chà nan tùsanach a fhuaireadh e. An uair sin, nochd an duine fhèin. Bha e còmhdaichte le aodach a bha coltach ri crìonach na coille. Mura biodh e a’ gluasad, bhiodh e fior dhoirbh fhaicinn am measg nan craobh. Ach carson as e ghillie-man a bhathar a’ gabhail air? A chionn ’s gun robh ‘ghillie-suit’ air!
Feumaidh mi aideachadh nach robh fios agam mun ghillie-suit roimhe. Cha bhi mi a’ sealg agus cha robh mi riamh anns an arm. Tha fhios gum bi sealgairean agus saighdearan eòlach air a leithid.
’S e ghillie-suit aodach breug-riochda (no camouflage) a chuireas neach uime gus nach fhaic daoine eile e. Mar as trice, ’s e lìon a th’ ann anns a bheil clò is sreang a tha coltach ri geugan is duilleagan. Gu tric, bidh saighdear a’ cur duilleagan bhon à ite anns a bheil e an sàs ann.
Chaidh a chleachdadh an toiseach le saighdearan Gà idhealach. Ann an Dà rna Cogadh nam Boers chleachd an rèisimeid ris an canar na Lovat Scouts a leithid de dh’èideadh airson cumail am falach on nà mhaid. Anns a’ Chogadh Mhòr, chaidh buidheann de shnaidhpearan a dhèanamh anns na Lovat Scouts – a’ chiad bhuidheann dhen t-seòrsa ann an Arm Bhreatainn. Bha sin nà darrach gu leòr, math dh’fhaodte. Bha na buill de na Lovat Scouts – a chaidh a chruinneachadh le Mac Shimidh – nan geamairean is nan stalcairean air oighreachdan Gà idhealach. Bha iad cleachdte ri bhith a’ cur peilear ann am fiadh bho astar.
’S dòcha gur e sin as coireach gur e è¾±»å±ð²¹»å³ó-²µ¾±±ô±ô±ð – no, gu dualchainnteach, èideadh-gillidh – a bhathar a’ gabhail air an aodach sin. ’S e Gà idhlig a bh’ aig a’ chuid a bu mhotha dhiubh mar chainnt, co-dhiù aig an toiseach. Agus bha am facal ghillie aithnichte ann am Beurla ann an co-cheangal ri sealg air a’ Ghà idhealtachd.
Ach tha smuain eile ann. Ann am beul-aithris nan Gà idheal tha caractar air a bheil an Gille Dubh. Dh’inns mi an sgeul dhuibh à Locha Druing ann an sgìre Gheà rrloch ann an Litir sia ceud, trithead ’s a h-ochd (638). Tha amharas agam gun robh sgeul dhen t-seòrsa air aithris ann an grunn sgìrean.
Bha an Gille Dubh am falach anns a’ choille. Bhiodh e a’ cur còinneach agus duilleagan am measg a chuid aodaich gus nach fhaiceadh duine e. Gun teagamh, ’s ann aigesan a bha a’ chiad ‘ghillie-suit’! Ma tha ùidh agaibh ann an sgeul a’ Ghille Dhuibh, cuiribh ‘gille dubh sgeul a gearrloch’ anns an inneal lorgaidh agaibh agus gheibh sibh an sgeul air aithris ann an Gà idhlig. Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: prògram telebhisein Astrà ilianach: an Australian television programme; car neònach: a little strange; lìon: net, netting; geugan is duilleagan: branches and leaves; Dà rna Cogadh nam Boers: The Second Boer War; nà mhaid: enemy; Arm Bhreatainn: The British Army; Mac Shimidh: Lord Lovat; inneal lorgaidh: search engine.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Chuirinn X ris an liosta: I would add X to the list; stèidhichte air talamh à rd, am measg nam beann: set in high country, among the mountains; ceann an earra-dheas na dùthcha: the south-east of the country; a’ cumail am falach bho dhaoine eile: keeping hidden from other people; ’s ann ainneamh a chitheadh iad e: rarely would they see him; cha robh mi cinnteach dè bhathar a’ ciallachadh le: I wasn’t certain what was meant by; còmhdaichte le aodach a bha coltach ri crìonach na coille: covered with clothing that was like brushwood of the forest; mura biodh e a’ gluasad, bhiodh e fior dhoirbh fhaicinn: if he weren’t moving, it would be extremely difficult to see him; tha fhios gum bi sealgairean agus saighdearan eòlach air a leithid: I’m sure that hunters and soldiers know the like; chaidh buidheann de shnaidhpearan a dhèanamh: a group of snipers was created; geamairean is stalcairean air oighreachdan Gà idhealach: gamekeepers and stalkers on Highland estates; cleachdte ri bhith a’ cur peilear ann am fiadh bho astar: used to putting a bullet in a deer from distance; gur e sin as coireach gur e è¾±»å±ð²¹»å³ó-²µ¾±±ô±ô±ð a bhathar a’ gabhail air an aodach sin: that is why that clothing was called a ‘ghillie-suit’; tha amharas agam gun robh sgeul dhen t-seòrsa air aithris ann an grunn sgìrean: I suspect that a tale of that nature was told in a few areas.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a chuireas neach uime gus nach fhaic daoine eile e: which a person puts around them so that other people can’t see them. While we generally use the preposition air ‘on’ with regard to clothes today (bidh thu a’ cur aodach ort), the preposition mu ‘about’ was more generally used of Highland garb in olden times – because you pulled clothes (like the fèileadh mòr) around you (bhiodh tu a’ cur aodach umad). This seems more appropriate to the è¾±»å±ð²¹»å³ó-²µ¾±±ô±ô±ð in question. The third person singular masculine prepositional pronoun for mu is uime. Chuir e a’ phlaide uime ‘he put the blanket around him’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha m’ aire air a toirt don fhacal: my attention was drawn to the word.
Broadcast
- Sun 23 Feb 2025 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.