Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Tro Shùilean Òga 1

Cuimhneachain air toiseach an Dàrna Cogaidh acasan a chunnaic e tro shùilean chloinne. Memories of the start of World War Two from those who were children on the Home Front.

Bidh ceithir fichead bliadhna sa Cheitein bho sguir an Dàrna Cogadh sa Roinn Eòrpa agus airson sin a chomharrachadh tha sreath againn às an tasglann, Strì gu Sìth – Aig an Taigh; cuimheachain dhaoine a bh’ aig an taigh aig àm a’ chogaidh, 's a bh’ air an clàradh ann an co-bhonn ri Pròiseact nan Sgeulachd aig cruinneachaidhean ann an Uibhist, am Barraigh, anns na Hearadh, a Leòdhas, an Glaschu, an Inbhir Nis agus anns an Eilean Sgitheanach ann an 2005.

Tha sinn a’ tòiseachadh le bhith a’ coimhead ris a' chogadh tro shùilean òga a bha a' feuchainn ri tuigs’ na bha dol air adhart nuair a bhris an cogadh agus a bha a’ faicinn am beatha ag atharrachadh. Tha Sheila NicLeòid dhar stiùireadh tron chuspair.

Cluinnidh sinn bho na leanas : Catrìona Bhoidhd, Eachann MacChoinnich, Màiri NicDhòmhnaill, Murchadh MacLeòid, an Dr Ruairidh Caimbeul, Iain MacLeòid, Niall MacAonghais, Dòmhnall MacIllFhinnein, Iain A Dòmhnallach, Màiri NicChoinnich, Aonghas Fearghasdan, Eòin Dòmhnallach, Dòmhnall Iain MacIllFhinnein, Mòrag NicFhionghain, Betty NicRath, Dòmhnallach Mac a' Ghobhainn, an Dr Iain Moireach, Dòmhnall Caimbeul, Dòmhnall Mac an Tòisich, Seonag Mhàrtainn, Tormod MacIain, Dòmhnall Iain MacAsgaill, Alaig Dòmhnallach, Iain Macleòid, Niall MacFhionghain, Lachaidh MacIllÌosa agus Tòrmod Dòmhnallach.

Release date:

30 minutes

On radio

Next Monday 15:30

Broadcasts

  • Next Monday 15:30
  • Next Wednesday 20:00
  • Sun 16 Mar 2025 10:00