Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill, Eaglais Coimhearsnachd Capstone. Gaelic service conducted by the Rev Iain MacAskill, Capstone Christian Centre.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 32: 1-2 air fonn St David agus 's e Gordon MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath.
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Leughadh: Eòin 3: 1-17
Ceann-teagaisg: Eòin 3: 1

Rugadh an t-Urr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-steach airson a bhith na mhinistear, bhiodh e a' cur fàilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port-adhair Bheinn na Fadhla far an robh e ag obair aig BA airson trì bliadhna deug.

B' ann ann an 1997 a thòisich e a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdail. Bha an coitheanal aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin stèidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh le daoine a bha a' fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras ged nach eil e a' fuireach anns a' sgìre.

Bha an t-Urr MacAsgail còrr air ceithir bliadhna ann an Ros Cuithne, 's an eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus bha mu 250 anns a' choitheanal aige, chaidh e an uairisn gu ruige Eaglais Shaor Shruighlea. Ann an 2022 thill Mgr MacAsgaill gu tuath far an robh e sas ann am program NP Connect, a lorg doighean as ùr air an t-soisgeul a sgaoileadh sa cheann a tuath. Nas traithe am bliadhna chaidh a phosadh ri Eaglais Coimhearsnachd Capstone a tha steidhichte ann an Ionad Chriosdaidheachd Capstone ann an Alanais. A bharrachd air obair mar mhinisdear air coitheanal tha obair chudromach eile aige agus e os cionn cùram spioradail Sgioba Ball-coise Ross County, obair a tha e air a bhith a’ deanamh airson coig bliadhna deug.

Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn agus i fhèin a' pòsadh a dh'aithghearr. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus ann an ceòl, 's luchd-ciùil, leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash gu mòr a' còrdadh ris.

Release date:

30 minutes

On radio

Sunday 09:00

Broadcasts

  • Sunday 09:00
  • Sunday 15:00