Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Cha robh an t-acras oirnn

Cuimhneachain air mar a bha biadh air a chuingealachadh tron Dàrna Cogadh. Memories of how food was rationed during World War Two from those who were children at the time.

Bidh ceithir fichead bliadhna sa Cheitein bho sguir an Dàrna Cogadh sa Roinn Eòrpa agus airson sin a chomharrachadh tha sreath againn às an tasglann, Strì gu Sìth – Aig an Taigh; cuimheachain dhaoine a bh’ aig an taigh aig àm a’ chogaidh, 's a bh’ air an clàradh ann an co-bhonn ri Pròiseact nan Sgeulachd aig cruinneachaidhean ann an Uibhist, am Barraigh, anns na Hearadh, a Leòdhas, an Glaschu, an Inbhir Nis agus anns an Eilean Sgitheanach ann an 2005.

An-diugh tha’d a’ cuimhneachadh air na 'rations' agus mar a thuirt iad, ged a bha am biadh gann, 'cha robh ‘n t-acras oirnn'. Tha am prògram air a thoirt thugainn le Sheila NicLeòid.

Cluinnidh sinn bho na leanas: Donaidh MacIllFhinnein, Murdani Ceanadach, Donaidh Caimbeul, Eòghainn Mac na Ceàrdaich, Eòin Dòmhnallach, Murchadh Moireasdan, Màiri NicDhòmhnaill, Seòras MacDiarmaid, Cairsitìona Rothach, Murchadh MacLeòid, Aonghas Iain Dòmhnallach, Alaig MacAmhlaigh, Aonghas Fearghasdan, Catrìona NicLeòid, Criosaidh NicAonghais, Calum Dòmhnallach, Dòmhnall Murdo MacLeòid, Calum MacLeòid, Betty NicRath agus Màiri Bell Nic a' Bhreatnaich.

Release date:

30 minutes

On radio

Mon 24 Mar 2025 15:30

Broadcasts

  • Mon 24 Mar 2025 15:30
  • Wed 26 Mar 2025 20:00