16/04/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 100
Duration: 03:52
An Litir Bheag 100
Bha sinn ann an Àird Chlach an t-seachdain sa chaidh. Tha an sgìre sin gu deas air Inbhir Narann. Bha mi ag innse dhuibh mun tarbh-uisge. Bha e a’ fuireach ann an Loch Buaile Fhiodhaid. Aig amannan, bha an tarbh-uisge a’ fà gail an locha. Bha e cunnartach an uair sin. Bha e ag ithe dhaoine.
Uaireannan, ge-tà , cha robh coltas tairbh air. Bha coltas eich air. Latha a bha seo, dh’fhà g e an loch. Bha coltas eich air. Bha diollaid is srian air. Chunnaic e clann faisg air an loch. Chunnaic a’ chlann each brèagha. Bha iad toilichte. Leig an t-each leis a’ chloinn marcachd air. Cha robh fios aig a’ chloinn nach e each ceart a bh’ ann.
Nuair a bha a’ chlann a’ marcachd air, chaidh an t-each – an tarbh-uisge – faisg air lochan beag dubh. Bha an lochan sin uabhasach domhainn. Bha na daoine ag rà dh gun robh e ceangailte ri Loch Buaile Fhiodhaid fon talamh. Leum an t-each a-steach don lochan. Thug e a’ chlann leis. Dh’ith e a’ chlann.
Cha robh an tarbh-uisge an-còmhnaidh cunnartach. Air là ithean teth samhraidh, bha e a’ faighinn cadal faisg air an loch. Bha spòrs aig na gillean an uair sin. Bha iad a’ faighinn faisg air an tarbh-uisge, agus e na chadal. Bha iad a’ tarraing gaoisidean far an tairbh agus a’ ruith air falbh!
Bha an tarbh-uisge a’ fàs aonaranach uaireannan. Bho à m gu à m bha e a’ falbh a-mach a’ sireadh bò. Bha cothrom aige as t-samhradh. Bha an crodh sa mhonadh an uair sin.
Bha laoigh annasach a’ tighinn às an aonadh eadar tarbh-uisge agus bò. Bha na cluasan aca eagach. Bha na h-earbaill aca goirid. Agus bha na ladhran aca dubh is gleansach. Bha coltas fiadhaich air na sùilean aca cuideachd.
Bha dà laogh dhen t-seòrsa sin aig tuathanach. Thà inig an samhradh. Bha an crodh sa mhonadh. Mhothaich an tuathanach gu robh an dà laogh a’ fàs mì-shocrach. Latha a bha seo, theich iad. Ruith an tuathanach às an dèidh. Ach bha na laoigh ro luath. Rà inig iad Loch nan Doirb. Leum iad a-steach don loch. Chan fhaca duine a-rithist iad.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.