15/01/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 87
Duration: 04:20
An Litir Bheag 87
Bho 脿m gu 脿m, bidh tuiltean anns na h-aibhnichean againn. Agus bha tuiltean dona againn ann an ochd ceud deug, fichead 鈥檚 a naoi (1829).
Bha iad dona gu le貌r ann an Siorrachd Rois. Bha iad dona cuideachd ann an Cataibh, Gallaibh agus Arcaibh. Ach bha iad na bu mhiosa ann am Moireibh. Bha d矛le anns a鈥 Mhonadh Liath. Bha d矛le cuideachd anns a鈥 Mhonadh Ruadh. Chuir Uisge Narann agus Uisge 脠ireann thairis.
Th貌isich an d矛le air an d脿rna latha dhen L霉nastal. Thuit beagan 貌irleach de dh鈥檜isge taobh a-staigh latha. Rinn an tuil sgrios air drochaidean. Bha muileann f霉caidh, no muileann luadhaidh, ann an Srath Narann. Bha uidheamachd ann. Bha an uidheamachd trom. Ach dh鈥檉halbh i leis an t-sruth.
Aig Cl脿bha, ann an Srath Narann, tha seann bharpaichean. Bha iad ann bho Linn an Umha. Sheas na barpaichean an aghaidh na tuile. Ach cha robh Muileann Chl脿bha cho fortanach. Dh鈥檉halbh e leis an t-sruth.
Bha an aon st貌iridh aig na daoine a bha a鈥 fuireach faisg air na h-aibhnichean. Chaidh sgrios a dh猫anamh air Cala Inbhir Narann. Chaidh an drochaid air rathad m貌r an Righ, thairis air Uisge 脠ireann, a leagail. Chaill daoine taighean, b脿rr is stoc.
Agus cha robh an gnothach seachad. Air an t-seachdamh latha fichead (27mh) dhen L霉nastal, bha d矛le ann a-rithist. Agus thachair an aon se貌rsa sgrios a-rithist. Bha uidheamachd a鈥 mhuilinn luadhaidh air ais anns an 脿ite cheart. Ach dh鈥檉halbh i leis an t-sruth a-rithist. Chaidh sgrios a dh猫anamh cuideachd 鈥 a-rithist 鈥 air Cala Inbhir Narann.
Bha dithis uaislean ann an Caisteal Chaladair. Bha iad ag iarraidh na m脿ileidean aca a chur a dh鈥橧nbhir Nis. Dh鈥檉halbh fear de luchd-obrach a鈥 chaisteil. Bha na m脿ileidean aige ann an cairt. R脿inig e an abhainn. Dh鈥檉heuch e ri faighinn a-null. Ach dh鈥檉halbh e fh猫in is an t-each aige leis an t-sruth. Bha iad ann am meadhan na h-aibhne airson seachd uairean a th矛de. Sin mar a bha c霉isean ann an Tuil Mh貌r Mhoireibh ann an ochd ceud deug, fichead 鈥檚 a naoi (1829). Abair samhradh!
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.