
06/03/2006
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
-
An Litir Bheag 43
Duration: 04:54
An Litir Bheag 43
’S e à ite sìtheil a th’ ann an Ath nam Muileach. Tha e faisg air ceann an iar Loch Afraig. Tha sin ann an Gleann Afraig. Bha daoine a’ dol tarsainn Abhainn Afraig aig Ath nam Muileach anns an t-seann aimsir. Tha drochaid ann an-diugh.
Cha robh Ath nam Muileach idir sìtheil air an dà rna là dhen Dà mhair, seachd ceud deug, is aon air fhichead (1721). Air an là sin, bha sabaid ann. Chaidh aon duine a mharbhadh. Bha an t-sabaid co-cheangailte ri Cogaidhean nan Seumasach. Seo mar a thachair e.
           Bha ar-a-mach Seumasach ann ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715). An dèidh sin, ghabh an riaghaltas thairis oighreachdan aig cuid de na cinn-chinnidh. Am measg sin bha Iarla Shìophoirt, An Siosalach agus Granndach Ghleann Mhoireastain. Bha na trì oighreachdan sin fo smachd choimiseanairean. Bha na coimiseanairean a’ faighinn a’ mhà il. Bha iad a’ toirt a’ mhà il don riaghaltas.
           Ach bha na seann bhà illidhean fhathast a’ faighinn mà l bho na daoine. Bha na bà illidhean a’ cur an airgid gu na cinn-chinnidh. Bha na cinn-chinnidh a’ fuireach thall thairis. Bha eagal air na coimiseanairean dhol gu na glinn sin. Bha na daoine fhathast a’ toirt taic do na Seumasaich.
           Thà inig feachd Spà innteach gu tìr. Bha sin ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719) ann an Cinn Tà ile. Rinn an t-arm dearg a’ chùis air na Spà inntich. Ach bha na daoine fhathast dìleas do na Seumasach. Bha am mà l fhathast a’ dol do na seann chinn-chinnidh.
           Ann an seachd ceud deug is aon air fhichead (1721), chaidh feachd a chur ri chèile. Bha saighdearan dearga ann. Bha iad a’ dol a thional a’ mhà il. Bha iad a’ dol a thoirt an airgid don riaghaltas.Â
           Chaidh iad a dh’Inbhir Moireastan. Bha mòd aca. Ach cha d’ fhuair iad sgillinn ruadh bho na daoine. Chaidh iad gu Srath Ghlais. Thachair an aon rud. Rinn iad deiseil airson a dhol tro Ghleann Afraig. Bha iad a’ dol gu Cinn Tà ile. Sin far an robh oighreachd nan Sìophortach.
           Chuala bà illidh nan Sìophortach, Dòmhnall MacCalmain, dè bha a’ tachairt. Chuir Dòmhnall feachd ri chèile. Bha trì cheud duine ann. Bha iad a’ dol a chur stad air na saighdearan dearga.
Chaidh iad tro Ghleann Afraig. Choinnich an dà fheachd ri chèile aig Ath nam Muileach. Loisg iad air a chèile. Chaidh an gille aig fear de na coimiseanairean a mharbhadh. Sguir an t-sabaid. Dh’aontaich an dà fheachd tarraing air ais.  Bha am batail seachad. Agus bha Ath nam Muileach sìtheil a-rithist.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: ’S e à ite sìtheil a th’ ann an Ath nam Muileach: Athnamulloch is a peaceful place; Gleann Afraig: Glen Affric; anns an t-seann aimsir: in olden times; air an dà rna là dhen Dà mhair: on 2 October; chaidh aon duine a mharbhadh: one man was killed; bha an t-sabaid co-cheangailte ri Cogaidhean nan Seumasach: the fight was connected to the Jacobite Wars; ar-a-mach: rebellion; ghabh an riaghaltas thairis oighreachdan: the government confiscated estates; cuid de na cinn-chinnidh: some of the clan chiefs; Iarla Shìophoirt, An Siosalach agus Granndach Ghleann Mhoireastain: the Earl of Seaforth, Chisholm and Grant of Glenmoriston; bha na coimiseanairean a’ faighinn a’ mhà il: the commissioners were getting the rent; bha na seann bhà illidhean fhathast a’ faighinn mà l: the old factors were still getting rent; a’ cur an airgid gu na cinn-chinnidh: sending the money to the clan chiefs; thall thairis: overseas; bha eagal air na coimiseanairean dhol gu na glinn sin: the commissioners were afraid to go to those glens; feachd Spà innteach: a Spanish force; Cinn Tà ile: Kintail; rinn an t-arm dearg a’ chùis air na Spà inntich: the British (red) army defeated the Spaniards; dìleas do na Seumasach: loyal to the Jacobites; chaidh feachd a chur ri chèile: a force was assembled; saighdearan dearga: redcoat soldiers; bha iad a’ dol a thional a’ mhà il: they were going to collect the rent; Inbhir Moireastan: Invermoriston; ³¾Ã²»å: assembly; cha d’ fhuair iad sgillinn ruadh: they didn’t get a [red] penny; Srath Ghlais: Strathglass; thachair an aon rud: the same thing happened; chuala bà illidh nan Sìophortach, Dòmhnall MacCalmain, dè bha a’ tachairt: the Seaforths’ factor, Donald Murchison, heard what was happening; choinnich an dà fheachd ri chèile: the two forces met each other; chaidh an gille aig fear de na coimiseanairean a mharbhadh: the son of one of the commissioners was killed; dh’aontaich X tarraing air ais: X agreed to retreat.
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.