Main content
Sorry, this episode is not currently available

22/08/2005

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 15

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun òran Mo Rùn Geal Òg. Carson? Uill, tha an t-òran sin ann an leabhar ùr. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Òrain nan Rosach: a Collection of Gaelic Songs from Ross-shire. ’S e leabhar air leth math a th’ ann.’S i Fiona NicCoinnich a chuir ri chèile e. Tha Fiona a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain. Tha Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Seo òran eile a th’ anns an leabhar sin – Ã’ran a’ Choilich. Chan eil e cho brònach ri Mo Rùn Geal Ã’g. Chan eil idir. Tha e mu dheidhinn tachartas ann am baile beag. ’S e An Àird Dhubh an t-ainm air a’ bhaile. Tha e air cladach na Comraich. Bha cuid de na sinnsearan agam fhìn às a’ bhaile sin.

Seo agaibh an t-sèist:

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha robh creutair anns a’ bhaile

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nighean òg no bean no cailleach

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nach robh mach nan aodach oidhch’.

A bheil sibh a’ tuigsinn dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile? Bha an coileach glas a’ dèanamh fuaim mòr air an oidhche. Fad na h-oidhche, gu dearbh. Cha robh muinntir a’ bhaile a’ faighinn cadal ceart. Bha iad a-muigh nan aodach oidhche. Seo an t-sèist a-rithist:

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha robh creutair anns a’ bhaile

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nighean òg no bean no cailleach

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nach robh mach nan aodach oidhch’.

A bheil sibh fhèin a’ fuireach ann an àite far a bheil coilich a’ dèanamh fuaim? No a bheil càraichean a’ cur stad oirbh bho bhith a’ faighinn cadal? No a bheil sibh a’ faighinn cadal math gach oidhche?

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ’S e Donnchadh MacCoinnich a sgrìobh Ã’ran a’ Choilich. Bha Donnchadh na bhàrd-baile. Bhuineadh e don Chomraich. Chuala e an sgeulachd mun choileach aig cuideigin às an Àird Dhuibh. Agus sgrìobh e an t-òran an uair sin. Tha an t-òran gu lèir anns an leabhar aig Fiona NicCoinnich.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh: I was speaking last week; Mo Rùn Geal Ã’g: my fair young love; ’s e leabhar air leth math a th’ ann: it is an excellent book; ’s i Fiona NicCoinnich a chuir ri chèile e: it is Fiona Mackenzie who put it together; tha Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois: Dingwall is in Ross-shire; ²ú°ùò²Ô²¹³¦³ó: sad; ’s e An Àird Dhubh an t-ainm air a’ bhaile: Ardubh is the name of the village; cladach na Comraich: the shoreline of Applecross; bha cuid de na sinnsearan agam fhìn às a’ bhaile sin: some of my own ancestors were from that village; seo agaibh an t-sèist: here [for you] is the chorus; glas: grey; cha robh creutair anns a’ bhaile: there was nobody in the village; nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal: when they should have been asleep; nach robh [a-]mach nan aodach oidhch’: that wasn’t out in their nightclothes; dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile: what was annoying the people of the village; fad na h-oidhche, gu dearbh: all night long, indeed; far a bheil coilich a’ dèanamh fuaim: where cockerels make noise; a bheil càraichean a’ cur stad oirbh?: do cars stop you?; bho bhith a’ faighinn cadal: from getting sleep; bha Donnchadh MacCoinnich na bhàrd-baile: Duncan Mackenzie was a village bard; bhuineadh e don Chomraich: he belonged to Applecross; chuala e an sgeulachd mun choileach: he heard the story about the cockerel; an t-òran gu lèir: the entire song.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast