Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 413: Diarmaid agus Gr脿inne

Tha sgeulachd Gh脿idhealach ainmeil co-cheangailte ri Beinn Ghulbain ann an Gleann S矛dh. 鈥橲 e a th鈥 innte sgeulachd a bhiodh G脿idheil ag aithris, an d脿 chuid ann an Alba is 脠irinn. 鈥橲 e an t-ainm a th鈥 oirre 鈥淒iarmaid agus Gr脿inne鈥. Seo agaibh ge脿rr-chunntas dhen st貌iridh.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Bha Fionn MacCumhail a鈥 dol a ph貌sadh Gr脿inne, nighean aig fear de na r矛ghrean ann an 脠irinn. Chaidh cuireadh a thoirt do dh鈥檜aislean na F猫inne dhol don bhanais. Bha cuirm mh貌r ann a mhair seachd latha. Agus nuair a bha a鈥 chuirm seachad do na daoine, bha cuirm eile ann do na coin.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Bha fear aig a鈥 chuirm air an robh Diarmaid. 鈥橲 e gaisgeach eireachdail a bh鈥 ann. Bha ball-seirce air aodann 鈥 a love spot. Ball-seirce. Bhiodh e an-c貌mhnaidh a鈥 cumail a bhonaid s矛os gus nach fhaiceadh daoine am ball-seirce. Oir, boireannach sam bith a chitheadh e, bhiodh i a鈥 gabhail trom-ghaol air Diarmaid sa spot.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Aig cuirm nan con, th貌isich feadhainn de na coin air sabaid le ch猫ile. Dh鈥檉heuch gaisgich na F猫inne ris na coin a chur bho ch猫ile. Fhad 鈥檚 a bha Diarmaid a鈥 d猫anamh sin, thog e a bhonaid beagan. Agus chunnaic Gr脿inne am ball-seirce. Ghabh i gaol air Diarmaid.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淩uithidh thu air falbh leam,鈥 thuirt i ris.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淐ha d猫an mi sin,鈥 arsa Diarmaid. 鈥淐ha t猫id mi leat. Cha ghabh mi am bog thu. Cha ghabh mi an cruaidh thu. Cha ghabh mi a-muigh thu 鈥檚 cha ghabh mi a-staigh thu. Cha ghabh mi air each thu 鈥檚 cha ghabh mi 鈥檇 chois thu.鈥 Chaidh Diarmaid a dh鈥櫭爄te fad鈥 air falbh. Thog e taigh is dh鈥檉huirich e ann.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Madainn a bha seo c貌 ghlaodh aig an doras ach Gr脿inne. 鈥淎 bheil thu a-staigh a Dhiarmaid?鈥 thuirt i.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淭ha,鈥 fhreagair Diarmaid.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淭hig a-mach is falbh leam,鈥 thuirt Gr脿inne.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淣ach tuirt mi riut cheana,鈥 fhreagair e, 鈥渘ach gabhainn 鈥檇 chois thu, 鈥檚 nach gabhainn air each thu, 鈥檚 nach gabhainn a-muigh thu, 鈥檚 nach gabhainn a-staigh thu, 鈥檚 nach biodh gnothach agam riut.鈥

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Bha i eadar d脿 ursainn an dorais air muin boc goibhre. Tha mi airson 鈥檚 gun tuig sibh sin gu ceart. She was between the two door posts on the back of a billy goat. Bha i eadar d脿 ursainn an dorais air muin boc goibhre.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淐han eil mi a-muigh is chan eil mi a-staigh,鈥 thuirt i. 鈥淐han eil mi 鈥檓 chois 鈥檚 chan eil mi air each. Feumaidh tu dhol leam.鈥

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淐han eil 脿ite dhan d鈥 rachamaid,鈥 thuirt Diarmaid, 鈥渁ir nach biodh fios aig Fionn nuair a chuireadh e a l脿mh fo a dheud fhiosach. Marbhaidh e mi ma dh鈥檉halbhas mi leat.鈥

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 鈥淭h猫id sinn do Charraig,鈥 thuirt Gr脿inne. 鈥淭ha uiread de Charraigean ann 鈥檚 nach bi fios aige c貌 an t猫 anns a bheil sinn.鈥 Agus dh鈥檉halbh iad c貌mhla gu 脿ite air an robh Carraig an Daimh. Rinn iad an dachaigh ann. Bha Diarmaid na shaor agus na iasgair, agus bhiodh Gr脿inne a鈥 reic nan soithichean fiodha a bha Diarmaid a鈥 d猫anamh. Ach bha leapannan air leth aca.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Latha a bha seo th脿inig bodach m貌r nan rathad. Fear ris an abradh iad Ciofach Mac a鈥 Ghoill. Ghabh Gr脿inne taitneachd dhen bhodach. Rinn i fh猫in is am bodach plana airson Diarmaid a mharbhadh. Bha Diarmaid ag obair air na soithichean. Thug am bodach ionnsaigh air. Bha am bodach l脿idir ach bha Diarmaid na bu l脿idire. Chuir Diarmaid am bodach fodha.

聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Rug Gr脿inne air sgian agus stob i ann an sliasaid Dhiarmaid i. Theich Diarmaid. Is cluinnidh sinn na thachair an ath-sheachdain.聽

Faclan na Litreach

Beinn Ghulbain: Ben Gulabin; Gleann S矛dh: Glenshee; Fionn MacCumhail: Fingal.

Abairtean na Litreach

nighean aig fear de na r矛ghrean: a daughter of one of the kings; do dh鈥檜aislean na F猫inne: to the Fingalian gentlemen; a mhair seachd latha: which lasted seven days; bha cuirm eile ann do na coin: there was another feast for the dogs; 鈥檚 e gaisgeach eireachdail a bh鈥 ann: he was a handsome hero; gus nach fhaiceadh daoine am ball-seirce: so that people wouldn鈥檛 see the love spot; boireannach sam bith a chitheadh e: any woman that would see it; bhiodh i a鈥 gabhail trom-ghaol air: she would fall deeply in love with; sa spot: instantly; ris na coin a chur bho ch猫ile: to separate the dogs; thog e a bhonaid: he lifted his hat; ruithidh thu air falbh leam: you鈥檒l run away with me; cha ghabh mi an cruaidh thu: I鈥檒l not take you in hardness; cha ghabh mi air each thu 鈥檚 cha ghabh mi 鈥檇 chois thu: I鈥檒l not take you on horseback and I鈥檒l not take you on foot; a dh鈥櫭爄te fad鈥 air falbh: to a place far away; c貌 ghlaodh aig an doras: who shouted at the door; nach tuirt mi riut cheana: didn鈥檛 I say to you already; nach gabhainn 鈥檇 chois thu: that I wouldn鈥檛 take you on foot; nach biodh gnothach agam riut: that I wouldn鈥檛 have anything to do with you; chan eil 脿ite dhan d鈥 rachamaid: there鈥檚 no place we would [could] go; nuair a chuireadh e a l脿mh fo a dheud fhiosach: when he put his hand under his tooth of knowledge; bha X na shaor agus na iasgair: X was a carpenter and fisherman; soithichean fiodha: wooden vessels; bha leapannan air leth aca: they had separate beds; th脿inig bodach m貌r nan rathad: a big old man appeared in their vicinity; ghabh X taitneachd de Y: X took a liking to Y; stob i ann an sliasaid X i: she stuck it into X鈥檚 thigh.

Puing-ch脿nain na Litreach

Fear ris an abradh iad Ciofach Mac a鈥 Ghoill: a man whom they would call Ciofach Mac a鈥 Ghoill (Ciofach, son of the foreigner/lowlander). Being from more northerly parts, I don鈥檛 tend to use the full range of the irregular verb abair (鈥渟ay鈥) in my Gaelic 鈥 but I occasionally deliberately put it in the Litir so you will be exposed to it. You will only commonly find its full usage today in Argyll. In the more northern parts of the G脿idhealtachd you will hear ris an canadh iad, using the regular verb can (a鈥 cantainn/cantail), rather than ris an abradh iad. In Argyll you will hear things like mar a dh鈥檃bradh tu, abramaid in place of mar a chanadh tu (as you would say), canamaid (let us say).

Gn脿ths-cainnt na Litreach

Tha uiread de Charraigean ann 鈥檚 nach bi fios aige c貌 an t猫 anns a bheil sinn: there are so many Carraigs that he won鈥檛 know which one we鈥檙e in.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast