
09/02/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 397
Duration: 05:34
Litir 397: Call na h-Eileanan Flannach
Air an latha 脿s d猫idh Latha na Nollaige anns a鈥 bhliadhna naoi ceud deug (1900) r脿inig an soitheach Hesperus na h-Eileanan Flannach. B鈥 ise an soitheach a bha a鈥 frithealadh nan taighean-solais. Bha fios aig B貌rd nan Taighean-solais gun robh rudeigin ce脿rr. Cha robh an solas anns an taigh-sholais ag obair.
Bha ceathrar luchd-obrach ann. Bhiodh tri霉ir c貌mhla anns an eilean aig an aon 脿m, leis a鈥 cheathramh duine a鈥 gabhail f貌rladh. Bha am fear a bh鈥 air a bhith air f貌rladh, I貌saph Moore, air an Hesperus. Ach nuair a r脿inig iad an t-eilean, cha robh sgeul air duine. Chuir iad lasair-bhoillsgean suas. Ach cha do nochd duine.
Bha doras an taigh-sholais d霉inte. Bha s猫ithear anns a鈥 chidsin air a chliathaich. Cha robh an gleoc a鈥 dol. Bha aon seata oillsginean ann. Ach anns a h-uile d貌igh eile, cha robh c脿il a-mach 脿s an rathad. Bha na lampaichean glan agus l脿n connaidh. Bha uidheamachd a鈥 chidsin glan. D猫 bh鈥 air tachairt, ma-th脿, don tri霉ir 鈥 Seumas Ducat, T貌mas Marshall agus D貌mhnall MacArtair?
Dh鈥檉huirich I貌saph Moore agus tri霉ir de chriutha an Hesperus anns an taigh-sholais. Thill an Hesperus a Bhreascleit ann an Le貌dhas, far an robh ionad aig B貌rd nan Taighean-solais. Chuir caiptean an Hesperus telegram don Bh貌rd, ag innse dhaibh gun robh tubaist air a bhith ann. Leis nach robh an gleoc a鈥 dol anns an taigh-sholais, bha e dhen bheachd gun do thachair an tubaist seachdain roimhe.
Rinn an ceathrar anns an eilean rannsachadh m貌r. Bha e follaiseach gun robh stoirm mh貌r air a bhith ann. Mar eisimpleir, bha bogsa aig ceud is deich troighean os cionn na mara briste, is stuth air a sgaoileadh mu a thimcheall. Bha r猫ilichean iarainn air an l霉badh. Bha clach mh貌r de chuideam c貌rr is tonna air gluasad bhon 脿ite aice. Aig mullach a鈥 bhearraidh, c貌rr is d脿 cheud troigh os cionn na mara, bha an stoirm air sgrathan a reubadh far na talmhainn trithead troigh air falbh bhon oir.
Ach 鈥 bha oifigearan an taigh-sholais air fios mun a seo a chur anns an leabhar-aithris aca. Thachair am milleadh mus deach na daoine 脿 fianais.
Bha beachdan de gach se貌rsa ann mu na thachair. Bha cuid dhen bheachd gun do mhuirt fear aca an dithis eile is an uair sin gun do ghabh e l脿mh na bheatha fh猫in le bhith a鈥 leum don mhuir. A r猫ir cuid eile bha iad air an toirt am bruid le daoine 脿 d霉thaich ch猫in. Is iomadh smuain a rinn ceangal eadar an tubaist agus gnothaichean os-n脿darrach.
Air an naoidheamh latha fichead dhen D霉bhlachd chaidh Raibeart Muirhead, oifigear aig B貌rd nan Taighean-solais, ann. Cho-dh霉in esan gun robh an tri霉ir air a dhol a-mach a cheangal bogsa anns an robh r貌pan. Bha am bogsa ann an eag sa bhearradh, ceud is deich troighean os cionn na mara. Bha D貌mhnall MacArtair air a dhol a-mach gun a chuid oillsginean air. Chaidh tonn m貌r thairis air an tri霉ir. Chaidh an sguabadh air falbh.
Tha feadhainn fhathast dhen bheachd gun robh D貌mhnall MacArtair anns an taigh-sholais nuair a bha an dithis eile a-muigh, agus gum fac鈥 e rudeigin 鈥 鈥檚 d貌cha tonn m貌r a鈥 tighinn. Ruith e a-mach ann an cabhaig airson rabhadh a thoirt don dithis eile. Bhiodh sin a鈥 m矛neachadh mar nach robh oillsginean air agus mar a bha an s猫ithear air a chliathaich. Ach 鈥檚 iongantach gum bi fios againn a-chaoidh air d猫 d矛reach a thachair air an latha uabhasach sin anns na h-Eileanan Flannach.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.