
26/01/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 395
Duration: 05:42
Litir 395: Heisgeir
Bha sinn ann an Heisgeir an t-seachdain sa chaidh 鈥 eileanan beaga gu siar air Uibhist a Tuath. Tha na h-eileanan sin ainmeil an-diugh airson fiadh-bheathaichean 鈥 gu seachd 脿raidh r貌in. Bidh timcheall air deich m矛le r貌n a鈥 dol air t矛r ann an Heisgeir gach bliadhna airson breith an cuileanan. Ach do dhaoine, chan e 脿ite furasta a th鈥 ann faighinn air t矛r, gu h-脿raidh ann an droch sh矛de.
A dh鈥檃indeoin sin, ge-t脿, bha sluagh ann uaireigin. Tha na h-eileanan machaireach agus torrach. Tha iad ceangailte ri ch猫ile le fadhlaichean. Agus, a r猫ir beul-aithris, bha fadhail gan ceangal ri t矛r-m貌r Uibhist a Tuath. Ach, anns an t-siathamh linn deug, bha stoirm mh貌r ann a sguabaich a鈥 ghainmheach air falbh.
Ma choimheadas sibh air a鈥 mhap, ch矛 sibh gu bheil d脿 ainm air na h-eileanan seo 鈥 Heisker or Monach Islands. 鈥橲 ann bho na Lochlannaich a th脿inig an t-ainm Heisgeir. Tha Monach a鈥 tighinn bhon Gh脿idhlig Manach oir bha manaich a鈥 fuireach ann. Bha manachainn air an eilean as fhaide siar dhiubh 鈥 Siolaigh.
Bha mnathan-cr脿bhaidh ann uaireigin cuideachd. Sin nuns 鈥 mnathan-cr脿bhaidh. 鈥橲 e cailleach-dhubh a chanadh daoine ri nun anns an t-seann aimsir. Cailleach-dhubh 鈥 air sgath an cuid aodaich. Bha iadsan a鈥 fuireach air an eilean as fhaide sear 鈥 ris an canar an Ceann an Ear an-diugh. Anns an t-seann aimsir, 鈥檚 e Heisgeir nan Cailleach a chanadh daoine ris an eilean sin. 鈥橲 e sin an t-ainm a thug D貌mhnall Rothach, Deadhan nan Eilean, air ann am meadhan an t-siathamh linn deug 鈥 Heisgeir nan Cailleach.
Mun 脿m sin, thathar ag r脿dh gum b鈥 urrainn do na h-eileanan sin fichead duine a thoirt seachad airson seirbheis anns an arm. Thathar a鈥 smaoineachadh, airson sin, gun robh mu cheud duine a鈥 fuireach ann. Tr脿th san naoidheamh linn deug, dh鈥檉halbh a鈥 chuid a bu mhotha de na daoine. Tha feadhainn dhen bheachd gun robh cus bheathaichean ag ionaltradh ann, agus gun do rinn stoirm milleadh m貌r. Ach, mean air mhean, thill sluagh agus aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha c貌rr is ceud is trithead (130) duine ann.
Am measg sin bha an fheadhainn a bha ag obair anns an taigh-sholais. Chaidh an taigh-solais a thogail ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Bha dragh ann mu cho cunnartach 鈥檚 a bha a鈥 mhuir gu siar air Uibhist. Tha t貌rr sgeirean is oitirean ann.
Bha an taigh-solais air a thogail ann am meadhan Siolaigh. Bha e ceud, trithead 鈥檚 a tr矛 (133) troighean a dh鈥櫭爄rde. Bha e air a thogail leis na br脿ithrean ainmeil Stevenson 鈥 Daibhidh agus T貌mas. Ged a tha solas anns an eilean an-diugh, 鈥檚 e fear beag a th鈥 ann. Chan eil an taigh-solais m貌r ag obair tuilleadh, ged a tha an togalach ann. Chaidh a dh霉nadh anns an D脿rna Cogadh.
Beagan bhliadhnaichean mus do dh霉in e, thachair tubaist ann. Chan e call b脿ta a bh鈥 ann, ach call dithis dhen tri霉ir a bha ag obair ann. Air a鈥 ch貌igeamh latha deug (15mh) dhen t-Samhain, naoi ceud deug, trithead 鈥檚 a sia (1936), dh鈥檉halbh an dithis don Cheann an Ear airson bathair fhaighinn. Dh鈥櫭╥rich a鈥 ghaoth, agus b鈥 fheudar dhaibh iomradh air ais a Shiolaigh ann an droch mhuir.
Anns an taigh-sholais, chunnaic an t-oifigear eile iad. Bha an eathar aca bun-os-cionn sa mhuir. Bha an dithis air a dhol air sgeir. Sguabaich tonn m貌r far na sgeire iad. Chaidh na cuirp aca a lorg anns an D霉bhlachd air cladach Heisgeir fh猫in.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.