
05/01/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 392
Duration: 05:48
Litir 392: Bà r Inbhir Èireann
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun sgrios a rinn tuiltean ann am Moireibh o chionn fhada. Uill, chan e uisge a-mhà in a rinn sgrios air bailtean Mhoireibh gu h-eachdraidheil. Tha aon à ite ann far an do chaill daoine an dachannan is am bailtean air sà illeabh gainmheach. Seadh – gainmheach. Tha mi a’ bruidhinn mu Alba, seach mu fhà sach tioram.
Thachair e faisg air a’ chladach ann an à ite ris an canar na Culbin Sands ann am Beurla. ’S e an t-ainm a th’ air ann an Gà idhlig – Bà r Inbhir Èireann. Tha sin a’ ciallachadh the sand bar of Findhorn.
Tha baile Inbhir Èireann air taobh thall na h-aibhne bho Bhà r Inbhir Èireann. Ged a tha sluagh an ìre mhath mòr ann am baile Inbhir Èireann an-diugh, chan eil duine a’ fuireach air an taobh eile. Tha an t-à ite còmhdaichte le giùthsach mhòr – sin coille mhòr de chraobhan giuthais. Tha e na thèarmann nà dair oir bidh mòran eun a’ tadhal air no a’ neadachadh ann.
Chaidh coille a chur anns an à ite oir b’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich. Mura b’ e na craobhan, ’s dòcha gum biodh a’ ghainmheach fhathast a’ sgaoileadh do dh’à iteachan ùra.
Tha e doirbh a chreidsinn an-diugh, ach b’ à bhaist do Bhà r Inbhir Èireann a bhith ainmeil airson cho torrach ’s a bha e. Anns an treas linn deug bha an oighreachd sin am measg an fheadhainn a bu torraiche ann am Moireibh. Bha ùir domhainn ann. Bha taigh mòr ann am meadhan na h-oighreachd. Bha leas brèagha mu a thimcheall. Bha ubhalghort ann cuideachd.
Bha na daoine beartach – na h-uachdarain co-dhiù. Bha crodh is caoraich ann. Bhathar a’ fàs eòrna, coirce is cruithneachd. Bha tuathanasan air an oighreachd. Bha cuid eile a’ dèanamh bith-beò le bhith ag iasgach anns an abhainn.
An uair sin thà inig am foghar sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Thà inig stoirm, agus gainmheach a’ chladaich leatha, gu h-obann is gun rabhadh. Bha duine a’ treabhadh ann an achadh. B’ fheudar dha teicheadh. Dh’fhà g e an crann far an robh e. Bha feadhainn a’ buain eòrna. B’ fheudar dhaibhsan teicheadh cuideachd. Cha d’ fhuair iad air ais airson an cuid obrach a chrìochnachadh. Cha d’ fhuair no an treabhaiche. An ceann greis bha an crann treabhaidh aige air a chòmhdachadh le gainmheach. Cha robh sgeul air.
Lean a’ ghainmheach oirre, a’ còmhdachadh a h-uile nì a bha na rathad. Chòmhdaich i leas an taigh mhòir. Chòmhdaich i an t-ubhalghort. An ath mhadainn, b’ fheudar do na daoine briseadh a-mach air cùl nan taighean aca. Dh’èirich an stoirm a-rithist air an dà rna latha. Dh’iomain na daoine an cuid cruidh air falbh. Agus theich iad fhèin leis a h-uile cà il a b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha.
Dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne. Bha lighe mhòr ann. An uair sin bhris an abhainn tron ghainmhich ann an à ite ùr. Agus le bhith a’ dèanamh sin, sguabaich i air falbh seann bhaile Inbhir Èireann.
Nuair a thill muinntir Bhà r Inbhir Èireann do na bailtean aca, cha robh sgeul air an dachannan. Bha a h-uile rud fon ghainmhich. Agus tha fhathast.
Mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme, nochd pà irt dhen t-seann taigh mhòr os cionn na gainmhich – dìreach airson greis. Chaidh fear gu mullach an t-simileir. Dh’èigh e sìos. Chuala e guth ag èigheachd suas a-rithist! Mac-talla no taibhs? Fà gaibh mi sin agaibh fhèin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Gnà ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.