
22/12/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 390
Duration: 05:37
Litir 390: Siorrachd Rois
Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air an òran à Siorrachd Rois a tha a’ dol – Tha lighe an-diugh san Alltan Dubh, ’s chan urrainn mi dhol thairis air, tha eagal orm aig meud an t-sruth, nach fhaigh mi an-diugh a-null air... ’S e òran seilg a th’ ann, air a sgrìobhadh le fear Dòmhnall Friseal a bha na gheamair ann am Fainich. Tha a’ chiad rann a’ dol mar seo: tha an t-Alltan Dubh cho bagarrach, ’s e ’n dùil gun till e dhachaigh mi, le thuraraich ’s le thartaraich, le bhagartaich ’s le bhùraich.
Tuigidh sibh, bhon a h-uile cà il a tha sin, gu robh tuil anns an Alltan Dubh. ’S dòcha gu bheil sibh eòlach air an allt sin. Tha an rathad mòr eadar Inbhir Nis is Ulapul a’ dol thairis air faisg air Gairbh. Tha am facal lighe a’ ciallachadh à ite far a bheil allt no abhainn air a chur thairis air talamh còmhnard, agus nà dar de loch ann.
’S iomadh turas gach bliadhna a bhios uisge mòr anns an Alltan Dubh oir tha beanntan faisg air. Ach chan eil mi cinnteach am bi lighe ann ro thric. ’S dòcha gum bu chòir dhomh dhol a’ choimhead an Alltain Duibh an-drà sta fhèin oir tha an t-uabhas uisge air a bhith againn o chionn ghoirid. Ach, eadhon an-drà sta, chan eil e faisg air cho dona ’s a bha e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829).
Fhad ’s as aithne dhomh bha Dòmhnall Friseal beò trà th san naoidheamh linn deug. Ach chan urrainn dhomh a rà dh an robh e timcheall as t-samhradh ochd ceud deug, fichead ’s a naoi. Bha lighe ann an uair sin, gun teagamh.
’S e samhradh uabhasach teth a bh’ ann. Bha teas anabarrach ann sa Chèitean, san Ògmhios agus san Lùnastal. Ach thachair rudan annasach. Aig toiseach an Iuchair, nochd na Fir-chlis anns an iarmailt – agus bha iad uabhasach soilleir. Bha gaoth là idir ann nuair a nochd iad. Agus corra latha, ann an corra à ite, bha uisge mòr ann – chan e fras, ach dìle.
Thachair a leithid air an dà rna latha deug (12mh) dhen Iuchar ann an Ceann Loch Lùicheirt, baile beag eadar Gairbh is Ach na Sìne. ’S e Latha na Sà baid a bh’ ann agus bha a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir a’ bhaile san eaglais. Ach chunnaic aon duine na thachair le a shùilean fhèin. B’ esan an t-òstair à Ach nan Allt, baile beag eile faisg air là imh. Chunnaic e maoim-slèibhe a chaidh adhbharachadh leis an dìle.
Bha a’ mhaoim-slèibhe mar bhalla de dh’ùir is de dh’uisge. Thà inig i gu luath a-nuas air a’ bhaile. Rinn i sgrios air a h-uile nì a bha na rathad – taighean, bà rr is stoc.
Chaidh na drochaidean thairis air na h-uillt a sgrios. Bha na daoine glaiste eadar dà allt. Cha d’ fhuair iad a-mach gus an robh an t-uisge air lughdachadh annta.
Sìos an rathad ann an Gairbh anns an t-samhradh sin, bha tuil anns ann taigh-òsta. Ach cha b’ ann air an aon latha a bha sin, mar a chì sinn an ath-sheachdain, oir bha an samhradh sin air leth dona airson tuiltean. Dh’èirich an t-uisge am broinn Taigh-òsta Ghairbh gu doimhneachd de cheithir troighean. B’ fheudar do bhuidheann de shealgairean a bha a’ fuireach ann ròpan a chleachdadh airson faighinn a-mach gu sà bhailteachd. Agus – seadh – ’s e an t-Alltan Dubh a bu choireach. Bha lighe ann an uair sin, is cha b’ urrainn duine dhol thairis air, ach air èiginn.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Gnà ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.