![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
24/02/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 347
Duration: 05:40
Litir 347: Ath nam Muileach
’S e à ite sìtheil a th’ ann an Ath nam Muileach. Tha e faisg air ceann an iar Loch Afraig ann an Gleann Afraig. Àite far am biodh daoine a’ faighinn tarsainn Abhainn Afraig anns an t-seann aimsir. Tha drochaid ann an-diugh. Agus tha bothan ann far am bi cuid a’ fuireach nuair a bhios iad a’ cur chraobhan sa ghleann.
’S e Athnamulloch a th’ air an à ite ann am Beurla. Tha beachd ann gun tà inig an t-ainm à Ath nam Muileach – The Mull Men’s Ford. Ach tha beachd eile ann cuideachd – gur e The Ford of Mulloch a tha e a’ ciallachadh, agus gur e Mulloch – no am Mullach – an seann ainm a bh’ air a phà irt sin dhen ghleann.
Co-dhiù, canaidh mise Ath nam Muileach ris. Ged a tha e a’ coimhead sìtheil an-diugh, chan ann mar sin a bha e air an dà rna là dhen Dà mhair, seachd ceud deug, is aon air fhichead (1721). Air an là sin, bha còmhrag ann, anns an deach duine a mharbhadh. Bha e co-cheangailte ri Cogaidhean nan Seumasach, agus seo mar a thachair e.
Nuair a chaidh ar-a-mach nan Seumasach ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715) a mhùchadh, ghabh an riaghaltas thairis na h-oighreachdan aig Iarla Shìophoirt, An Siosalach agus Granndach Ghleann Mhoireastain. Bha na trì oighreachdan air an cur fo smachd choimiseanairean a bha a’ tional a’ mhà il airson an riaghaltais.
Ach cha robh an obair aca furasta. Bhiodh na seann bhà illidhean fhathast a’ faighinn mà l bho na daoine is ga chur gu na cinn-chinnidh, a bh’ air teicheadh. Bha eagal air na coimiseanairean dhol gu na glinn sin. Bha an sluagh a’ faighinn misneachd bho aithrisean is fathannan gum faighte taic bho na Spà inntich ann a bhith a’ cur Rìgh Stiùbhartach air ais air a’ chathair rìoghail.
Thà inig feachd Spà innteach gu tìr ann an Cinn Tà ile ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719), ach rinn an t-arm dearg a’ chùis orra ann an Gleann Seile. A dh’aindeoin ’s gun do chaill na Spà inntich, bha mòran de na daoine sna glinn sin fhathast dìleas do na Seumasach. Bha am mà l fhathast a’ dol do na seann chinn-chinnidh.
Mar sin, anns an t-Sultain, seachd ceud deug is aon air fhichead (1721), chaidh feachd a chur ri chèile leis an amas am mà l a thional don riaghaltas. Bha saighdearan ann bho na North British Fusiliers. Os an cionn bha dithis à Siorrachd Rois – Uilleam Ros, a bha roimhe na Phròbhaist ann am Baile Dhubhthaich, agus a bhrà thair Raibeart.
Chaidh iad an toiseach a dh’Inbhir Moireastan. Bha mòd aca an sin. Dh’iarr iad air na mà ladairean gu lèir a nochdadh ann. Chaidh feadhainn ann, ach cha tug duine aca mà l seachad. Chaidh iad gu Srath Ghlais an uair sin. Thachair an aon rud. An uair sin, rinn iad deiseil airson coiseachd tro Ghleann Afraig gu ruige Cinn Tà ile.
Nuair a bha iad ann an Inbhir Moireastan, bha fear-brathaidh san èisteachd. Chaidh esan gu Cinn Tà ile airson innse do bhà illidh nan Sìophortach, Dòmhnall MacCalmain, gu robh an fheachd seo air an rathad gan ionnsaigh. Cha b’ fhada gus an robh trì cheud duine armaichte aig MacCalmain, deiseil airson stad a chur air na saighdearan dearga. Chaidh iad tro Ghleann Afraig agus choinnich an dà fheachd ri chèile aig Ath nam Muileach. Loisg iad air a chèile agus chaidh Bhaltair Ros, mac Uilleim, a mharbhadh. Ach mus deach cus fala a leigeil, thà inig an dà thaobh gu aonta tarraing air ais, agus bha còmhrag Ath nam Muileach seachad.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Gnà ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.