![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
03/09/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 270
Duration: 05:25
Litir 270: An t-Urramach Iain Ros
Nuair a r脿inig an t-Urramach Iain Ros S矛ona ann an ochd ceud deug, seachdad 鈥檚 a dh脿 (1872), chaidh e gu baile Chefoo, air a bheil Yantai an-diugh. Ach bha miseanairidh Ameireaganach st猫idhichte ann a sin mu thr脿th, agus chuir am ministear Albannach roimhe dhol thar a鈥 chuain gu ruige d霉thaich mh貌r Mhanchuria, anns nach robh ach aon mhiseanaraidh Pr貌stanach.
Cha deach c霉isean gu math dha aig an toiseach, ge-t脿. Goirid 脿s d猫idh breith a鈥 chiad leanaibh aca, chaochail a bhean. Ach dh鈥檉huirich Ros far an robh e 鈥 ann am port mara air cladach Mhanchuria. Nuair a bha e air gu le貌r dhen ch脿nan ionnsachadh, chaidh e air chuairt gu na bailtean m貌ra ann am meadhan na d霉thcha, fad air falbh bhon mhuir.
Bha e faiceallach na chanadh e, gun a bhith a鈥 cur s矛os air creideamh an t-sluaigh. Dh鈥檌onnsaich e m貌ran mu Chonfucius, gus am b鈥 urrainn dha coimeas a dh猫anamh eadar Cr矛osdachd agus an creideamh d霉thchasach. Agus nam f脿sadh daoine feargach leis, dh鈥檉halbhadh e gu baile eile, is thilleadh e nuair a bha gnothaichean socair a-rithist. Nuair a bha e a鈥 siubhal mar seo, bhiodh e a鈥 fuireach ann an taighean-seinnse bochda salach agus cha bhiodh pr矛obhaideachd sam bith aige. Ach lean e air, a鈥 feuchainn ri daoine iompachadh mar a b鈥 urrainn dha. Bha e gu h-脿raidh ag amas air daoine foghlamaichte, oir bha e dhen bheachd gum biodh a mhisean na b鈥 猫ifeachdaiche anns an d貌igh sin.
Mean air mhean thog e 霉idh anns na bha a鈥 dol air taobh thall cr矛och Mhanchuria, ann an Coir矛a, r矛oghachd a bha an 矛re mhath d霉inte do dhaoine 脿 d霉thchannan eile. Is iongantach mura robh e mothachail do na thachair don Urramach R G Thomas, ministear Albannach a chaidh a Choir矛a ann an an ochd ceud deug, seasgad 鈥檚 a c貌ig (1865), agus e a鈥 toirt B矛obaill seachad don t-sluagh. Bha e ann an soitheach a chaidh air na creagan nuair a bha tr脿igh mh貌r ann. Chuir buidheann de Choir矛anaich teine ris an t-soitheach agus mhuirt iad a h-uile duine a bh鈥 air b貌rd.
Bha Iain Ros air mothachadh gu robh gu le貌r de dhaoine a bhuineadh do Choir矛a air a dhol a dh鈥檉huireach ann am Manchuria faisg air Abhainn Yalu. Shaoil e gum b鈥 urrainn dha Coir矛anaich a thoirt gu Cr矛osd gun a bhith a鈥 cur miseanaraidhean c猫in don r矛oghachd sin idir. Dh鈥檌onnsaich e Coir矛anais leis an amas Coir矛anaich ann am Manchuria iompachadh.
Air turas dhachaigh fhuair e taic bho Chomann a鈥 Bh矛obaill ann an Alba, agus bho charaidean, agus thug e uidheamachd chlo-bhualaidh air ais leis a Mhanchuria. Dh鈥檈adar-theangaich e na soisgeulan a r猫ir Lucais is E貌in agus, c貌ig bliadhna 脿s d猫idh sin, thug e a-mach eadar-theangachadh sl脿n dhen Tiomnadh Nuadh. Bha grunn Choir矛anach aige a-nise nan Cr矛osdaidhean, agus chaidh iadsan thairis air a鈥 chr矛ch gu ruige Coir矛a far an do sgaoil iad an Tiomnadh Nuadh, agus teachdaireachd na h-Eaglaise, am measg an t-sluaigh.
A bharrachd air an Tiomnadh Nuadh, sgr矛obh Iain Ros eachdraidh de Choir矛a, eachdraidh de na r矛ghrean Manchu, leabhar mun chreideamh t霉sail ann an S矛onaidh, leabhraichean taice do luchd-ionnsachaidh S矛onais is Coir矛anais, agus grunn leabhraichean-i霉il air a鈥 Bh矛oball ann an S矛onais.
Chun an l脿 an-diugh tha Pr貌stanaich ann an Coir矛a a鈥 toirt urram m貌r don Urramach Iain Ros, ged a tha amharas agam gu bheil an t-uabhas ann an Alba nach cuala guth air a-riamh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.