09/07/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 262
Duration: 05:18
Litir 262: Faclair 霉r
Tha mi airson innse dhuibh an t-seachdain-sa mu fhaclair 霉r a th脿inig a-mach o chionn ghoirid. 鈥橲 e an t-ainm a th鈥 air an Teach Yourself: Gaelic Dictionary oir buinidh e don t-sreath leabhraichean Teach Yourself. Tha e gu math feumail, saoilidh mi. Agus tha e ag obair anns an d脿 dh貌igh 鈥 G脿idhlig gu Beurla, agus Beurla gu G脿idhlig.
鈥橲 iad 霉ghdaran an fhaclair Boyd Robastan agus Iain MacDh貌mhnaill, dithis a tha air leth comasach is foghlamaichte. Agus tha an leabhar 霉ghdarrasail. Aig dusan not鈥 ach sgillinn (拢11.99), tha a phris reusanta. Chanainn gu bheil e feumail do luchd-ionnsachaidh, ged nach eil e buileach cho m貌r ri faclairean eile, leithid Watson agus Mark. Ach tha Watson agus Mark (mar a tha Dwelly) d矛reach ag obair anns an aon d貌igh 鈥 G脿idhlig gu Beurla.
Tha measgachadh math de dh鈥檉haclan ann a bhuineas an d脿 chuid don Gh脿idhealtachd thraidiseanta agus don t-saoghal 霉r anns a bheil sinn be貌 an-diugh. Gheibh thu tearb is tearbadh, rud a n矛 croitear airson aon bhuidheann de chaoraich a sgaradh bho bhuidheann eile. Is tha maistreadh ann, rud a dh猫anadh na seana-mhnathan nuair a bhiodh iad a鈥 d猫anamh 矛m. Mar as trice an-diugh 鈥檚 ann a鈥 ceannach a leithid anns a Cho-op a bhitheas iad.
Air an l脿imh eile, d猫 th鈥 aca airson gnothaichean a bhuineas do choimpiutaireachd? Uill, seo na th鈥 aca fo website: l脿rach-l矛n. Gl猫 mhath. Surf the net : tr脿l an l矛on. Mmm. Ach d猫 mu dheidhinn cool? Smodaig. Mmm. Chan eil fhios a鈥檓 nach bu ch貌ir dhuinn d矛reach aideachadh gu bheil cool air a dhol a-steach don Gh脿idhlig cuideachd鈥
Ach tha duilgheadas an-c貌mhnaidh ann do dhaoine a tha a鈥 cruthachadh faclair beag. D猫 dh鈥檉h脿gas iad 脿s? Tha Robastan agus MacDh貌mhnaill air deagh thaghadh a dh猫anamh, chanainn, ach aig 脿mannan tha rudeigin a dh矛th. Mar eisimpleir, smaoinichibh air an t-seantans sh矛mplidh seo 鈥 鈥淐huir i aiste air a鈥 bh貌rd鈥. Canaidh mi sin a-rithist. Chuir i aiste air a鈥 bh貌rd. D猫 tha sin a鈥 ciallachadh? Uill, anns an fhaclair 霉r, tha 鈥渁iste鈥 a鈥 ciallachadh 鈥渇rom/out of her/it鈥. Mmm, d猫 d矛reach a rinn a鈥 chaileag air a鈥 bh貌rd? Ach le faclair nas m貌, ch矛 sinn gu bheil aiste cuideachd a鈥 ciallachadh 鈥渃omposition鈥 no 鈥渆ssay鈥. Mar sin, 鈥檚 d貌cha gur e an t-eadar-theangachadh as fhe脿rr 鈥 鈥渟he put an essay on the table.鈥
Tuigidh sibh gu bheil mi a鈥 gabhail beagan sp貌rs. Ach bu mhath leam am faclair 霉r a mholadh airson gach riochdair roimhearach no prepositional pronoun (mar aiste) a chur ann fa leth mar cheann-fhacal. Nuair a ch矛 thu rud mar aige no aigesan ann an teacsa, tha am faclair seo a鈥 m矛neachadh gu bheil e a鈥 ciallachadh 鈥渉is鈥. Ann an cuid de dh鈥檉haclairean, tha iad d矛reach ag r脿dh, 鈥渃oimhead air aig鈥 agus feumaidh tu an uair sin dhol gu duilleag eile, agus obrachadh a-mach d猫 tha am facal aigesan a鈥 ciallachadh.
Agus air an taobh dhen leabhar a tha a鈥 dol bho Bheurla gu G脿idhlig, tha mi a鈥 faicinn gu bheil an d脿 shiostam cunntaidh ann. Mar eisimpleir, airson 鈥渟ixty鈥 tha iad ag r脿dh tr矛 fichead no seasgad. Agus airson 鈥渟eventy鈥 tha iad ag r脿dh, tr矛 fichead 鈥檚 a deich no seachdad. 鈥橲 e an seann siostam a tha fhathast anns a鈥 phr矛omh 脿ite ach c貌 aige tha fios nach atharraich sin anns na deich bliadhna romhainn? Agus mus fhalbh mi, facal feumail eile bhon fhaclair: d猫 a鈥 Gh脿idhlig a th鈥 air stereotype? Gn脿th-iomhaigh. Sin e bhuam an t-seachdain seo. Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine: Aig dusan not鈥 ach sgillinn: at 拢11.99. This is the easy and idiomatic way to give prices of this nature. It is easier than 鈥渁ona nota dheug, ceithir fichead sgillinn 鈥檚 a naoi-deug鈥 in the vigesimal system and likewise easier than 鈥渁on-deug notaichean, naochad 鈥檚 a naoi sgillinn鈥 in the decimal system. Similarly, 拢5.99 is 鈥渟ia not鈥 ach sgillinn鈥 and 拢2.95 is 鈥渢r矛 not鈥 ach c貌ig sgillinn鈥.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.