16/04/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 250
Duration: 05:19
Litir 250: Earrann anns a鈥 Bh矛oball Gh脿idhlig
Hal貌 a-rithist a ch脿irdean. Ruairidh MacIlleathain an seo le Litir d脿 cheud is leth-cheud (250). Chan eil fhios agam cia mheud agaibh a chunnaic am film ainmeil aig Mel Gibson, The Passion of The Christ, a th脿inig a-mach o chionn ghoirid. Chan fhaca mi-fh矛n e, ach tha feadhainn dhen bheachd gur e film air leth math a th鈥 ann, ged a tha cuid eile ag r脿dh gu bheil e m矛-thlachdmhor is gu bheil e a鈥 toirt droch chli霉 do na h-I霉dhaich a bha an s脿s ann an ceusadh Iosa Chr矛osd.
Leis gum bi m貌ran agaibh, a tha ag ionnsachadh na G脿idhlig, a鈥 c貌mhradh air a鈥 film ann am Beurla, shaoil mi gum biodh e iomchaidh p矛os beag 脿s a鈥 Bh矛oball Gh脿idhlig a chur mur coinneimh an t-seachdain seo. Gheibh sibh, mar sin, cothrom beagan de bhriathrachas a鈥 ghnothaich a chluinntinn is a leughadh ann an G脿idhlig. Thagh mi p矛os 脿 Leabhar Mhata, Caibideil fichead 鈥檚 a seachd (27), a鈥 t貌iseachadh aig Earrann fichead 鈥檚 a seachd.
鈥淎n sin thug saighdearan an uachdarain leotha Iosa do thalla a鈥 bhreitheanais, agus chruinnich iad a鈥 bhuidheann uile mu thimcheall. Agus air dhaibh a r霉sgadh, chuir iad uime fallaing sg脿rlaid. Agus air dhaibh cr霉n droighinn fhigheadh, chuir iad mu cheann e, agus slat chuilce na l脿imh dheis: agus l霉b iad an gl霉n na l脿thair, agus rinn iad fanaid air, ag r脿dh, Gum beannaichear thu, a R矛gh nan I霉dhach.
Agus thilg iad smugaid air, agus ghlac iad an t-slat chuilce, agus bhuail iad sa cheann e. Agus an d猫idh dhaibh fanaid a dh猫anamh air, thug iad an fhallaing dheth, agus chuir iad aodach fh猫in uime, agus thug iad leotha e chum a cheusadh. Agus nuair a chaidh iad a-mach, fhuair iad duine o Chirene, dom b鈥 ainm Simon: is esan a dh鈥櫭╥gnich iad gu a chrann-ceusaidh-san a ghi霉lan. Agus an uair a th脿inig iad gu ionad dhen ainm Golgota, 鈥檚 e sin ri r脿dh, 鈥樏爄te-claiginn鈥, thug iad dha ri 貌l f矛on geur measgaichte le domblas: agus air dha a bhlasad, chan 貌ladh e e.鈥
Tha sin gar toirt gu deireadh Earrainn trithead 鈥檚 a ceithir (34), agus tha mi a鈥 dol a leantainn le tuilleadh ann an tiotan. Gu ruige seo, tha an cunntas air a bhith ann an G脿idhlig air fad. Ach tha e inntinneach gun do dh鈥檃ithris Mata air a鈥 ghnothach le bhith a鈥 cleachdadh faclan ann an Aramais aig Iosa fh猫in, agus tha na faclan sin a鈥 nochdadh, mar a nochd iad bho th霉s, ann an Aramais eadhon anns a鈥 Bh矛oball Gh脿idhlig. Seo tuilleadh dhen chunntas a鈥 t貌iseachadh aig Earrann ceathrad 鈥檚 a tr矛 (43), agus na h-脿rd-shagartan a鈥 fanaid air Iosa:
鈥淐huir e a dh貌igh ann an Dia; saoradh e a-nis e, ma tha toil aige dha; oir thuirt e, Is mise Mac Dh猫. Agus thug na gadaichean, a cheusadh maille ris, am beum ceudna dha. A-nis on t-siathamh uair bha dorchadas air an t矛r uile gus an naoidheamh uair. Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh鈥櫭╥gh Iosa le guth 脿rd, ag r脿dh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri r脿dh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thr猫ig thu mi?鈥
B鈥 iad sin na faclan mu dheireadh a chualas bho Iosa Cr矛osd air a鈥 chrann-cheusaidh, agus tha mi an d霉il gur iad sin na faclan a chanas an cleasaiche a tha a鈥 cluich Iosa anns a鈥 film, oir tha an sgriobt ann an seann Aramais is seann Laideann. Is a bharrachd air ceistean creideimh, nach eil sin a鈥 togail ceist mu ch脿nan? Ma ghabhas film m貌r d猫anamh ann an Aramais is Laideann, carson nach gabhadh a leithid, st猫idhichte ann an Alba, d猫anamh ann an G脿idhlig?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.