30/01/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 239
Duration: 04:57
Litir 239: Iain Sti霉bhart Blackie
Ch貌rd e gu m貌r ri Iain Sti霉bhart Blackie a bhith na oileanach ann an G枚ttingen anns a鈥 Ghearmailt. Ach thug athair air gluasad a Bherlin. Cha do ch貌rd e ris idir anns a鈥 chathair sin anns a鈥 chiad dol a-mach, oir bha Berlin fada na bu mh貌 na G枚ttingen, agus bha na h-oileanaich sgapte air fheadh. Mean air mhean, ge-t脿, fhuair e caraidean 霉ra.
Bha athair an d貌chas gum biodh Iain airson a dhol a-steach don mhinistrealachd ann an Alba agus, gun teagamh, bha 霉idh mh貌r aige ann an gnothaichean na h-Eaglaise. Agus, fhad 鈥檚 a bha e anns a鈥 Ghearmailt, bhiodh e tric a鈥 deasbad a鈥 chreideimh aige le oileanaich eile. Bha e na Chr矛osdaidh gun teagamh, ach th貌isich e air f脿s m矛-chinnteach mu Aidmheil Westminster. Cha robh e ag aontachadh ris, agus bha sin a鈥 ciallachadh nach fhaigheadh e obair mar mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Dh鈥檌arr e air athair leigeil leis dreuchd air choreigin eile a thaghadh.
Thairis air geamhradh ann am Berlin, r脿inig Iain l脿n-fhileantachd ann an Gearmailtis, agus leugh e m貌ran de na leabhraichean clasaigeach anns a鈥 ch脿nan sin. Agus ghabh e sp猫is mh貌r mh貌r do mhuinntir na d霉thcha. Ach bha an 霉ine aige anns a鈥 Ghearmailt seachad.
Bha e am beachd dhol a Pharis ach, an toiseach, ghabh e cuairt tron Eadailt agus ch貌rd e ris gu m貌r. Bha e dhen bheachd gum biodh e math dha fuireach anns an R貌imh airson greis airson tuilleadh ionnsachadh mu litreachas nan R貌manach is nan Greugach. 鈥橲 ann nuair a bha e san Eadailt a cho-dh霉in e d猫 d矛reach a bha e ag iarraidh a bhith aige mar dhreuchd. Bha e airson a bhith na Phroifeasair de Dhaonnachd ann an oilthigh ann an Alba.
Chuir e rud eile roimhe cuideachd nuair a bha e anns an R貌imh 鈥 bha e airson connspaid adhbharachadh mu dheidhinn mar a bhiodh luchd-teagaisg nan oilthighean a鈥 labhairt na seann Ghreugais 鈥 gu ce脿rr, na bheachd. Bha esan a鈥 cumail a-mach 鈥 agus lean e aig ceann na connspaid seo fad a bheatha 鈥 gum bu ch貌ir d貌igh-labhairt an t-seann ch脿nain a bhith st猫idhichte air Greugais mar a bha i fhathast ga bruidhinn anns a鈥 Ghr猫ig.
Bha athair de貌nach airgead a thoirt dha airson a bhith a鈥 siubhal anns a鈥 Ghr猫ig, ach dhi霉lt Iain an cothrom. Cha robh e airson a bhith an eisimeil carthannas athar gu s矛orraidh, agus bha obair aige ri dh猫anamh anns an R貌imh. Nuair a th脿inig an rannsachadh aige anns an R貌imh gu cr矛ch, rinn e air Lunnainn. Ach cha do ghabh e an t-slighe 脿bhaisteach.
Choisich e fh猫in is caraid Gearmailteach gu ruige Floireans 鈥 da cheud gu leth m矛le thairis air naoi l脿. An uair sin choisich iad tro Bhologna gu ruige Bheineas, far an d鈥 fhuair iad coidse a Mhunich. R脿inig e Lunnainn aig toiseach na Samhna, fhathast le aodach air a bha freagarrach airson an t-samhraidh anns an Eadailt.
Airson beagan bhliadhnaichean bha e ann an D霉n Eideann ag obair ann an lagh. Ach lean e air le bhith a鈥 leughadh is ag eadar-theangachadh leabhraichean le sgr矛obhadairean Greugach agus Gearmailteach. Gu m矛-fhortanach dha, cha robh cathair Daonnachd b脿n ann an oilthigh sam bith ann an Alba, agus cha robh dreuchd sam bith eile, a bhiodh freagarrach dha, b脿n a bharrachd.
Ach dh鈥檃tharraich c霉isean dha ann an ochd ceud deug, trithead 鈥檚 a naoi (1839), nuair a chaidh aontachadh Cathair Laidinn a st猫idheachadh ann an Colaiste Mharischal ann an Obar Dheathain. Bha doras saoghal na sgoilearachd fosgailte dha mu dheireadh thall, agus cha b鈥 e ruith ach leum a rinn e troimhe.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.