![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
24/10/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 225
Duration: 04:52
Litir 225: Stailc ann an Ratharsair
Anns an Fhaoilleach, naoi-deug is ochd-deug (1918), chaidh riochdairean 脿 Caidreachas M猫inneadairean Bhreatainn a bhruidhinn ri Winston Churchill mu dheidhinn an t-suidheachaidh ann an Ratharsair, far an robh na h-eileanaich, a bha ag obair anns a鈥 mh猫inn-iarainn, air stailc. B鈥 e Mgr Churchill Ministear na h-Armachd, agus bha a鈥 mh猫inn air a ruith leis a鈥 chompanaidh Bairds airson na Ministrealachd aige.
Bha dragh ann gu robh luchd-sti霉iridh na m猫inne a鈥 cleachdadh pr矛osanaich-chogaidh Ghearmailteach airson an stailc a bhriseadh. Thug Mgr Churchill 貌rdugh seachad nach fhaodadh a鈥 chompanaidh pr矛osanach sam bith a chur ann an dreuchd a bh鈥 aig eileanach ron stailc. Cha do mhair an stailc fada as deidh sin, agus fhuair na h-eileanaich 脿rdachadh-p脿ighidh.
Bha aon 脿ite faisg air a鈥 chladach far an robh a鈥 chlach-iarainn air uachdar na talmhainn, ach bha a鈥 chuid a bu mh貌 dhith fon talamh. Bha ochd ciolomeatairean de thunailean ann far am biodh na m猫inneadairean a鈥 cladhach na cloiche. Ma tha 霉idh agaibh ann an eachdraidh na m猫inne, tha leabhar ann a tha gu math fiosrachail mu a deidhinn - The Raasay Iron Mine le Laurence agus Pamela Draper.
Seo mar a bhiodh an l脿 a鈥 dol do na m猫inneadairean. Eadar aon uair deug a dh鈥檕idhche agus sia uairean sa mhadainn, bhiodh m猫inneadairean Breatannach a鈥 d猫anamh obair-spreadhaidh. Cha robh na h-霉ghdarrasan a鈥 dol a thoirt stuth-spreadhaidh do phr矛osanaich-chogaidh. Aig seachd uairean sa mhadainn, bhiodh na Gearmailtich a鈥 t貌iseachadh air a鈥 ghreis-obrach acasan. Gu ruige tr矛 uairean feasgar bhiodh iad a鈥 gluasad clach a-mach 脿s a鈥 mh猫inn, ga cur air carbadan a bhiodh a鈥 falbh air rathad-iarainn. Eadar tr矛 uairean feasgar agus aon uair deug a dh鈥檕idhche, bhiodh buidheann eile de mh猫inneadairean Breatannach a鈥 drileadh na cloiche.
Bha a鈥 mh猫inn feumail aig 脿m a鈥 chogaidh ach, nuair a th脿inig an cogadh gu cr矛ch, cha robh i prothaideach tuilleadh. A bharrachd air sin, bha m矛-rian ann an Ratharsair a thaobh an fhearainn. Anns a鈥 Mh脿rt naoi-deug is fichead (1920), ghabh cuid de na h-eileanaich, a bh鈥 air tilleadh dhachaigh bhon chogadh, greim air fearann ann an ceann a deas an eilein.
Bliadhna as d猫idh sin, chaidh grunnan 脿 R貌naigh a-null a Ratharsair, ag iarraidh an fhearainn a bh鈥 aig an cuid shinnsearan. Tha R貌naigh gu tuath air Ratharsair agus bha sinnsearan nan eileanach air an cur a-mach 脿 Ratharsair ann am fuadaichean ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Tha an talamh fada nas torraiche ann an Ratharsair na tha e ann an R貌naigh.
Thug a鈥 chompanaidh Bairds, leis an robh an t-eilean, luchd-str矛 an fhearainn gu lagh, agus chaidh c貌ignear aca a chur anns a鈥 phr矛osan airson d脿 fhichead l脿. Ach cha do chuir sin stad air an str矛 agus ann an naoi-deug, fichead 鈥檚 a dh脿 (1922), reic Bairds an t-eilean do Bh貌rd an 脌iteachais.
Chum a鈥 chompanaidh a鈥 mh猫inn a dol, ge-ta, ach air st猫idh c霉raim is c脿raidh. Bha i deiseil airson t貌iseachadh as 霉r nan robh feum oirre. Ach cha robh an t-uamhas iarainn anns a鈥 chloich agus bha i ro chosgail airson fosgladh as 霉r. Agus 鈥檚 e aon iarainn a th脿inig bhuaipe anns an D脿rna Cogadh an stuth a fhuaireadh nuair a chaidh uidheamachd na m猫inne fh猫in a thoirt 脿s a ch猫ile.
Agus, gu m矛-fhortanach, ann an naoi-deug, ceathrad 鈥檚 a tr矛 (1943), nuair a bhathar a鈥 toirt nan 脿than as a ch猫ile, chaidh fear de mhuinntir Ratharsair, fear Iain MacLe貌id, a mharbhadh. Bha e ann an toll-luinge nuair a thuit p矛os de dh鈥櫭爐h air. B鈥 e sin deireadh duilich do earrann annasach ann an eachdraidh taobh an iar na Gaidhealtachd.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.