24/12/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 25
Duration: 04:38
Litir 25: An Sg脿than
An robh sibh a鈥 coimhead anns an sg脿than an-diugh? Tha fhios gu robh 鈥 a鈥 chiad char anns a鈥 mhadainn, agus sibh a鈥 cur ur falt ceart airson a dhol a dh鈥檕bair, neo don sgoil, neo airson coimhead br猫agha do ch脿ch aig b貌rd na bracaist. Agus d猫 chunnaic sibh anns an sg脿than? N脿dar de Phierce Brosnan, 鈥檚 d貌cha, neo faileas br猫agha mar a ch矛theadh Catherine Zeta-Jones? Uill, tha fhios a鈥檓 air aon rud: chanamaid uile an aon rud mu dheidhinn 鈥 鈥渃hunnaic mi mi-fh矛n.鈥
Tha mi鈥檔 d貌chas gu bheil sibh air obrachadh a-mach gur ann air t貌imhseachan na seachdain 鈥檚 a chaidh a tha mi a鈥 bruidhinn. A bheil cuimhn鈥 agaibh air? Seo mar a chaidh e:
Is mi mi-fh矛n,
Is mi gach duine
Ach sgr矛ob mo dhruim
鈥檚 cha mhi duin鈥 idir.
Agus 鈥檚 e sg脿than a bh鈥檃nn. Tha faileas de gach duine a鈥 nochdadh ann nuair a sheasas gach duine mu a choinneamh. Ach ma sgr矛obas tu druim an sg脿thain, far a bheil am peant airgid, caillidh e a chomas faileas ceart a dh猫anamh 鈥 agus, an uairsin, cha nochd d鈥檉haileas ann idir nuair a sheasas tu mu a choinneamh. Bha e s矛mplidh, nach robh?!
Chan aithne dhomh gu bheil am facal 鈥渟g脿than鈥 a鈥 nochdadh gu tric idir ann an gn脿thsan-cainnt neo seanfhaclan G脿idhlig, ach 鈥檚 aithne dhomh aon seanfhacal anns a bheil e. Agus, nam bheachd-san, tha an seanfhacal sin gu math ciallach, agus gu math snog. Is math an sg脿than s霉il caraid. Tha e a鈥 ciallachadh gum faod sinn deagh iomhaigh fhaicinn dhinn fh猫in ann an s霉ilean caraid. Ch矛 sinn tro sh霉ilean caraid mar a ch矛 daoine eile sinne.
Agus nach e sin an gnothach air an robh am b脿rd ainmeil Gallda, Raibeart Burns, a鈥 me貌mhrachadh nuair a sgr矛obh e a dh脿n, To a Louse. 鈥淥 wad some Pow鈥檙 the giftie gie us,鈥 sgr矛obh e, 鈥渢ae see oursels as ithers see us.鈥
Tha an sg脿than a鈥 nochdadh gu tric ann am beul-aithris na Roinn-E貌rpa agus, mar is trice, tha e gu math onorach, 鈥檚 d貌cha nas onoraiche na tha daoine. Agus chan eil an sg脿than di霉id. Bidh e ag innse na f矛rinn, co-dhi霉 tha sin a鈥 toileachadh an duine a tha a鈥 coimhead ann neo nach eil.
Bidh sibh uile e貌lach air an t-seann sgeulachd Ghearmailtich a chaidh a chruinneachadh leis na br脿ithrean Iacob agus Wilhelm Grimm. Ann an G脿idhlig 鈥檚 e 鈥淩貌s Bh脿n agus na Seachd Troichean鈥 a th鈥檕irre; ach 鈥檚 d貌cha gum bi sibh e貌lach oirre mar 鈥淪now White and the Seven Dwarves.鈥
Anns an sgeulachd sin, tha sg脿than ann a tha ag innse don Bh脿nrigh olc gur ise am boireannach as br猫agha a th鈥檃nn. Agus tha sin ga toileachadh. Ach an ceann greis, tha an t猫 貌g, R貌s Bh脿n, a鈥 tighinn gu 矛re agus tha ise, a-r猫ir choltais, cho br猫agha ris an t猫 ainmeil anns na sgeulachdan聽againn fh猫in 鈥 Deirdre. Chanadh iad mu dheidhinn Deirdre gur ise am boinne-fala a bu mhaisiche a bh鈥檃nn eadar grian agus talamh agus nach do rugadh t猫 a-riamh a bha cho maiseach rithe.
Uill, chan eil fhios a鈥檓, ach 鈥檚 d貌cha gu robh R貌s Bh脿n cho br猫agha ri Deirdre. Co-dhi霉 b鈥檈 sin beachd an sg脿thain 鈥 gur i R貌s Bh脿n an t猫 a bu bhoidhche air an t-saoghal gu l猫ir. Agus, anns an sgeulachd, nuair a dh鈥檉haighnicheas a鈥 Bh脿nrigh dhen sg脿than c貌 as maisich鈥 a th鈥檃nn, tha an sg脿than a鈥 freagairt 鈥淩貌s Bh脿n鈥. Chan eil a鈥 Bh脿nrigh toilichte.
Ach 鈥檚 d貌cha, an 脿ite a bhith a鈥 f脿s feargach mu bheachd an sg脿thain, gu robh c貌ir aig a鈥 Bh脿nrigh a r脿dh ris gu robh i coma. Dh鈥檉haodadh i seanfhacal eile a r脿dh ris an sg脿than mar dhearbhadh gu robh i coma 鈥 鈥淐ha toir a鈥 bh貌idhchead goil air a鈥 phoit.鈥
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Seanfhaclan na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.