![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
30/07/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 4
Duration: 04:57
Litir 4: Leabhar Dheir
Bha b脿rd uaireigin a' fuireach ann an Eilean Phabaigh, eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath, air an robh Niall Moireasdan mar ainm. Ann am fear de na h-貌rain aige, bha na faclan seo: "Gun agam ach a' Gh脿idhlig, 's p脿irt dhith nach eil uil' agam.."
Bha am b脿rd dhen bheachd, ged nach robh c脿nan sam bith aige ach a' Gh脿idhlig, agus ged a bha e math math air faclan a chur ri ch猫ile ann am b脿rdachd, nach robh e e貌lach air a' ch脿nan gu l猫ir. 'S e duine glic a bh' ann.
Cha leig sinn a leas ach s霉il a thoirt air an fhaclair a rinn Eideard Dwelly airson tuigsinn gu bheil m貌ran fhaclan ann an G脿idhlig nach bi aig a h-uile duine a-chaoidh. Tha an aon rud f矛or mu na faclan anns a'聽聽Ghreater Oxford Dictionary ann am Beurla.
Agus tha e f矛or ri r脿dh cuideachd gu bheil m貌ran fhaclan air a dhol 脿 bith, anns a h-uile c脿nan. Cha robh a' Gh脿idhlig anns an t-seann aimsir mar a tha i an-diugh. Agus tha e gu math inntinneach coimhead air an leabhar as sine a th' againn anns a bheil G脿idhlig na h-Alba sgr矛obhte. 'S e sin Leabhar Dheir, neo mar a chanas iad ris ann am Beurla -聽聽the Book of Deer.
Cha robh e air a sgr矛obhadh faisg air Eilean Phabaigh. Cha robh idir. Fhuair e ainm bho Sg矛re Dheir, neo Old Deer, ann an Siorrachd Obair Dheathain anns an robh manachainn Cheilteach anns an t-seann aimsir. Sgr矛obh manach, neo manaich, an leabhar ann an Deir anns an naoidheamh linn, o chionn c貌rr is m矛le bliadhna.
Ach chan eil an sgr矛obhadh G脿idhlig cho sean sin. 'S ann an Laideann a bha an leabhar fh猫in, a' gabhail a-steach p脿irtean dhen Bh矛oball agus sgr矛obhaidhean eile co-cheangailte ri creideamh. Ach uaireigin anns an darna linn deug chuir duine eile barrachd ris聽- sgr矛obhaidhean G脿idhlig aig oirean nan duilleag agus ann am be脿rnan b脿na. Tha na faclan sin c貌rr is ochd ceud bliadhna a dh.aois, agus tha feadhainn aca doirbh dhuinn tuigsinn an-diugh.
Tha iad ag innse sgeul mu eachdraidh na manachainn' ann an Deir agus eachdraidh t'猫ile air a' chosta mu thuath聽- ann an Obair Dobhair. Seo mar a th貌isicheas e anns an t-seann Gh脿idhlig: "Columcille agus Drostan mac Cosgreg a dalta tangator a hI mar ro alseg Dia doib gonic Abbordoboir....
Neo rudeigin mar sin. Gu fortanach tha sgoilearan a' ch脿nain air eadar-theangachadh a dh猫anamh air na seann fhaclan. "Th脿inig Calum Cille agus Drostan mac Choscraich, a dheisciobal, 脿s I, mar a thre貌raich Dia iad, gu ruige Obair Dobhair..." Tha Drostan fhathast air a chuimhneachadh anns an ear-thuath, agus ann an sg矛rean eile, mar naomh. Agus tha sinn uile e貌lach air Calum Cille, agus air Eilean I.
'S ann anns an leabharlann ann an Oilthigh Chambridge a tha Leabhar Dheir an-diugh. Ged a tha cuid a' gearan gu bheil e ann an Sasainn seach Alba, 's d貌cha gur e sin a chum an leabhar s脿bhailte. Feumaidh sinn cumail nar cuimhne gu robh m貌ran seann leabhraichean air an sgrios aig 脿m an Ath-Leasachaidh ann an Alba.
Agus feumaidh sinn cumail nar cuimhne cuideachd gu robh a' Gh脿idhlig uaireigin air a bruidhinn gu m貌r ann an taobh sear na h-Alba, ann an Siorrachd Obair Dheathain. Bha mi ann am baile Obair Dheathain o chionn ghoirid agus thuirt fear rium nach robh a' Gh脿idhlig air a bruidhinn anns an sg矛re sin a-riamh. Agus cha robh e airson beachd eile a chluinntinn air a' ch霉is. Feumaidh nach cual' e mu Leabhar Dheir. Agus feumaidh nach robh e dhen aon bheachd ri b脿rd glic Phabaigh, Niall Moireasdan - ge bith d猫 cho fiosrach 's a tha sinn mu rud sam bith, gu bheil m貌ran ann air nach eil sinn e貌lach.
Faclan na seachdainne
uaireigin: some time, at one time; glic: wise; achaoidh: ever, for ever; Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; manach, manaich: monk, monks; manachainn: monastery; thre貌raich: guided; nar cuimhne: in our memory; fiosrach: knowledgeable, well-informed.
Abairtean na seachdainne
脿 bith: extinct, out of existence; an leabhar as sine: the oldest book; aig 脿m an Ath-Leasachaidh: at the time of the Reformation
Puing ghr脿mair na seachdainne
bha e math math air...: he was very good at...; There are different ways of strengthening an adjective in Gaelic. In some instances, particularly with simple adjectives, the word can be repeated.I once heard a conversation between two children which went like this (with outstretched arms):
Q: .an robh an t-iasg m貌r? A: Bha! Bha e m貌r m貌r m貌r m貌r m貌r!. Another way is to precede the adjective with another adjective eg uabhasach br猫agha: terribly (very) beautiful. In Argyll fiadhaich (wild) is often used in the same way. Bha e fiadhaich math: it was very good.Gn脿ths-cainnt na seachdainne
cha leig sinn a leas: we don't need to. The "a" is dropped where the preceding word ends in a vowel eg cha leag thu leas: you don't need to. Cha leig thu leas cabhag a dh猫anamh聽- bidh c脿ch fadalach co-dhi霉: you don't need to hurry聽- the others will be late anyway. In some dialects leig is replaced by ruig ie cha ruig thu leas. Cha leig sinn a leas ach...: we only need to...
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.