Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

See all episodes from Litir do Luchd-ionnsachaidh

Clip

Litir 1: Miann

Tha seanfhacal againn ann an G脿idhlig a tha cur nar cuimhne mar a bhios daoine an-c貌mhnaidh a' coimhead a-mach聽- le farmad - air na rudan a th' aig daoine eile. "'S e miann na lacha an loch air nach bi i."

Tha sin a' ciallachadh gum b.fhe脿rr leis an lach a bhith ann an 脿ite eile - loch eile - air falbh bhon 脿ite anns a bheil i an-dr脿sta eadhon ged a bhiodh an loch sin math dhi anns a h-uile d貌igh. "'S e miann na lacha an loch air nach bi i." Ach, mar a tha fios againn uile, 's ann air daoine agus smuaintean dhaoine a bhios seanfhaclan a-mach, mar is trice. Tha an seanfhacal seo ag innse dhuinn gum b' fhe脿rr le daoine a bhith ann an 脿ite far nach eil iad an-dr脿sta. Mar a th'aig muinntir na Beurla -聽聽"the grass is greener on the other side of the fence."

Tha e furasda tuigsinn carson a bhiodh beachd mar sin aig m貌ran ann an Alba bho 脿m gu 脿m, gu h-脿raidh ann am meadhan a' gheamhraidh nuair a tha na h-oidhcheannan fliuch, fuar, dorch agus fada; agus nuair a tha na l脿ithean fliuch, fuar, dorch agus goirid. Aig an 脿m sin, b' fhe脿rr le m貌ran, 's d貌cha, a bhith anns a' Charibbean seach ann an C脿irinis. Neo ann am Morocco seach Moireabh. Neo Rhodes an 脿ite Roghadal.

Ach gabhaibh mo lethsgeul ma bheir mi-fh矛n beachd l脿idir an aghaidh gliocas an t-seanfhacail seo - aig an 脿m seo dhen bhliadhna co-dhi霉. Ann am m矛os a' Ch猫itein -聽m矛os cho br猫agha 's a th'againn -聽nuair a tha lusan de ghach se貌rsa a' nochdadh ann an coilltean is p脿ircean is monaidhean na G脿idhealtachd. M矛os na Bealltainne, nuair a tha an saoghal a' tighinn be貌 a-rithist an d猫idh a' gheamhraidh fhada. M矛os seinn na cuthaige ann an coilltean is doireachan na h-Alba. C貌 dh' iarradh a bhith ann an 脿ite sam bith eile air an t-saoghal ach air a' Gh脿idhealtachd anns a' Ch猫itean?

'S toil leam a bhith a' sreap gu coireachan nam beann aig an 脿m seo dhen bhliadhna. Ch矛 mi sneachd air na mullaichean, a tha fhathast fuar is gaothach, ach faodaidh e bhith bl脿th agus ci霉in anns na coireachan. Uaireannan bidh e cho bl脿th 's gum faod mi mo chuid aodaich a thilgeil dhiom airson a dhol a shn脿mh ann an loch. Uill, airson diog neo dh脿 co-dhi霉! 'S d貌cha gur ann glic a bhios an lach a theicheas gu loch eile nuair a nochdas mise!

Tha an C猫itean br猫agha gu cinnteach. Ach tha aon rud eile ann a tha a' 聽toirt toil-inntinn dhomh anns a' mh矛os seo. 'S e sin gu bheil grunnan mh矛osan a-nise air thoiseach oirnn anns am bi a' ghrian a' de脿rrsadh, anns am bi m貌ran mar a bhios mi-fh矛n - a' deanamh air na beanntan airson toileachas fhaighinn am measg b貌idhchead n脿darrach na h-Alba. Ach gu mi-fhortanach cha mhair an toil-inntinn fada. Goirid an d猫idh dhomh tilleadh dhachaigh gach turas, bidh mi a' coimhead air a' mhap a-rithist, a' lorg 脿ite eile far an t猫id mi a choiseachd. Cha bhi mi toilichte d矛reach a bhith a' dol don aon 脿ite. Bidh mi an-c貌mhnaidh a' coimhead airson beanntan 霉ra.

A dh' andeoin de chanas mi, ma tha, 's d貌cha gu bheil mi car coltach ris na lachan a ch矛 mi air sg猫ith thairis air an t-samhradh, eadhon anns a' mh矛os seo fh猫in, a' coimhead airson lochan 霉ra. 'S e miann Ruairidh a' bheinn air nach bi e. Mmm. 'S d貌cha gu bheil an seanfhacal mun lach nas glice na bha mi a' deanamh a-mach aig toiseach na litreach-sa.

Faclan na seachdainne

farmad: envy; miann: desire; seanfhacal: proverb; toil-inntinn: mental pleasure, satisfaction

Abairt na seachdainne

c貌 dh'iarradh a bhith...? : who would wish to be...?

Gn脿ths-cainnt/seanfhacal na seachdainne:

'S e miann na lacha an loch air nach bi i: the desire of the duck is [to be on] the loch where she is not. The future tense is used here (rather than "an loch air nach eil i") to denote the generalized, habitual nature of the observation. This is a common use of the future tense in Gaelic: cf Bidh mi ann an Inbhir Nis a h-uile latha: I am in Inverness every day.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast