Main content

Coinneach MacFhraing is Hamish Macleòid a' bruidhinn mun cuairt aca ann an Gleann Nibheis. Coinneach Rankin and Hamish Macleod discuss their recent filming trip in Glen Nevis.

Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air ´óÏó´«Ã½ ALBA air a bheil Dàna | Scotland’s Wild Side. Anns na clàraidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dàna Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-àiteachan agus na dùbhlain air an tàinig iad tarsainn.

Anns a' chiad earrann, tha Coinneach a’ siubhal gu ruige Gleann Nibheis agus tha e a’ dol a’ chuir roimhe sgeir air a bheil ‘Storm’ a shreap. Tha ‘Storm’ air a fùcadh am meadhan Poll Dubh, fear dhe na h-àiteachan is ainmeil ann an saoghal sreap. Bidh e mar fhiachaibh air na sgilean a dh’ionnsaich e thar nam bliadhnaichean a chuir gu feum agus cuideachadh fhaighinn bho dheagh charaid. Tha Hamish agus Coinneach a’ bruidhinn gu fosgailte mu dheidhinn cho doirbh ‘s a bha e a bhith a’ fiolmadh air na creagan agus cuideachd cho fìor fhada ‘s a bha iad a’ clàradh a h-uile rud.

Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an càirdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.

Release date:

Available now

21 minutes

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Dàna: Scotland’s Wild Side

Podcast